Ephèsianaich 5:18-20
Ephèsianaich 5:18-20 GLD
Na gabhaibh an daorach le bhith ag òl deoch-làidir — rud a chuireas as do bheatha rianail — ach bithibh air ur lìonadh le Spiorad Dhè. Bruidhnibh ri càch-a‑chèile a' cleachdadh fhaclan bho na sailm, bho laoidhean 's bho dhàin spioradail, a' seinn 's a' toirt moladh dhan Tighearna le ur n‑uile chridhe. Bithibh daonnan a' toirt taing airson gach nì do Dhia an t‑Athair ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd