II. Esdras 5
5
CAIB. V.
1Gidheadh, a thaobh nan comhar, feuch, thig na làithean, anns am bi iadsan a tha chòmhnuidh air an talamh, air an gabhail ann am mòr‑àireamh, agus folaichear slighe na fìrinn, agus bithidh an tìr neo‑thorach a thaobh creidimh.
2Ach meudaichear aingidheachd os ceann na tha thu a nis ʼfaicinn, no na chual thu o cheann fada.
3Agus an talamh a ta thu a nis ʼfaicinn aig am bheil freumh, chìth thu e gu h‑ealamh air fhàsachadh.
4Ach ma dheònaicheas an Tì a ʼs Airde dhuit a bhi beò, chìth thu an déigh an treas trompaid, gu ʼn soillsich aʼ ghrian gu h‑obunn a rìs air an oidhche, agus aʼ ghealach trì uairean ʼsan là:
5Agus silidh fuil a mach as an fhiodh, agus bheir aʼ chlach a guth, agus bithidh an sluagh ann an trioblaid:
6Agus riaghlaidh eadhon esan, air son nach ʼeil iad aʼ sealltuinn a tha chòmhnuidh air an talamh, agus teichidh an eunlaith air falbh cuideachd:
7Agus tilgidh muir Shodoim a mach iasg, agus nì i fuaim air an oidhche, aig nach robh fios aig mòran: ach cluinnidh iad uile a fuaim.
8Bithidh aimhreite mar an ceudna ann an iomadh àite, agus cuirear an teine gu tric a mach a rìs, agus atharraichidh na fiadh‑bheathaichean an ionada, agus beiridh boirionnaich ʼnan neo‑ghloine uile‑bheistean;
9Agus gheibhear uisgeachan saillte am measg nan uisge milis, agus sgriosaidh uile chàirdean a chéile: an sin foluichidh gliocas i fein, agus druididh tuigse i fein ʼna sheòmar uaigneach,
10Agus iarrar i le mòran, agus an déigh sin cha ʼn fhaighear i: an sin meudaichear neo‑fhìreantachd agus mì‑gheamnuidheachd air an talamh.
11Cuiridh aon tìr aʼ cheist air tìr eile, ag ràdh, An deachaidh am fìreantachd sin tromhad a nì duine ʼna fhìrean? Agus their e, Cha deachaidh.
12Aig an àm cheudna bithidh daoine fo dhòchas, ach cha ʼn fhaigh iad a bheag: saothairichidh iad, ach cha soirbhich an sligheanna.
13Tha cead agam a leithid do chomharaibh a nochdadh dhuit: agus ma nì thu ùrnuigh a rìs, agus caoidh mar so, agus trasgadh seachd làithean, cluinnidh tu fathast nithe ni ʼs mò.
14An sin dhùisg mi, agus chaidh eagal ro mhòr troimh mo chorp uile, agus bha mʼ inntinn fo thrioblaid, air sheòl is gu ʼn dʼ fhannaich i.
15Uime sin chùm an t‑aingeal mi a thàinig a chòmhradh rium, thug e comhfhurtachd dhomh, agus chuir e suas air mo chosaibh mi.
16Agus anns an dara oidhche thàinig e gu crìch, gu ʼn dʼ thàinig Salatiel ceannard an t‑sluaigh a ʼm ionnsuidh, ag ràdh, Cʼ àit an robh thu? agus cʼ arson tha do ghnùis co trom?
17Nach ʼeil fios agad gu ʼm bheil Israel air an tabhairt duit ann an tìr am bràighdeanas?
18Tog ort ma ta, agus ith aran, agus na tréig sinn, mar am buachaill a dhʼ fhàgas a threud ann an làmhaibh nam madadh‑alluidh ain‑iochdmhor.
19An sin thubhairt mi ris, Imich romhad uam, agus na tig am fagus domh. Agus chual e na thubhairt mi, agus theich e uam.
20Agus mar sin throisg#5.20 throisg ‑ thraisg ‑ fasted mi seachd làithean aʼ caoidh agus aʼ gul, mar a dhʼ àithn Uriel an t‑aingeal domh.
21Agus an déigh sheachd làithean mar so a bha, gu ʼn robh smuainte mo chridhe ro shearbh orm a rìs,
22Agus fhuair a rìs mʼ anam spiorad na tuigse, agus thòisich mi air còmhradh a rìs, ris an Tì a ʼs Airde,
23Agus a deir, O Thighearna a ta riaghladh, as uile choillte na talmhainn, agus na h‑uile chraobhan a bhuineas da, roghnaich thu dhuit fein aon fhìonain a mhàin;
24Agus do uile thìribh an t‑saoghail air fad, roghnaich thu dhuit fein aon slochd; agus do uile bhlàthaibh an t‑saoghail, aon liligh;
25Agus a dhʼ uile dhoimhneachda na mara, lìon thu dhuit fein aon abhainn a mhàin: agus a dhʼ uile bhailtean a thogadh, naomhaich thu Sion dhuit fein;
26Agus a dhʼ uile dhʼ eunlaith a dhealbhadh, dhʼ ainmich thu dhuit fein aon choluman; agus do ʼn spréidh gu léir a rinneadh, dhʼ ullaich thu dhuit fein aon chaora;
27Agus am measg gach àireimh mhòir sluaigh, fhuair thu dhuit fein aon phobull; agus do ʼn phobull so, do ʼm bheil gràdh agad, thug thu lagh a ta ʼcòrdadh ris na h‑uile.
28Agus a nis, O Thighearna, cʼ arson a thug thu thairis an t‑aon phobull so do mhòran? agus a dhʼ ullaich thu sluagh eile air an aon fhreumh, agus cʼ arson a sgap thu an t‑aon phobull a mhàin a ʼm measg mhòran?
29Agus shaltradh sìos iad leò‑san a chuir an aghaidh nan geallanna, agus nach do chreid do chùmhnanta fein.
30Ged a bhiodh aʼ mheud so do dhʼ fhuath agad dodʼ shluagh fein, gidheadh an tigeadh dhuit peanas a dheanamh orra ledʼ làmhaibh fein.
31A nis, an uair a labhair mi na briathra so, chuireadh an t‑aingeal sin a ʼm ionnsuidh a thàinig thugam air an oidhche roimhe sin,
32Agus thubhairt e rium, Eisd rium, agus teagaisgidh mi thu; thoir cluas do ʼn nì a their mi, agus cuiridh mi tuilleadh an céill duit.
33Agus thubhairt mi, Labhair, mo Thighearna. An sin thubhairt e rium, Tha thu fo mhòr thrioblaid inntinn air sgàth Israeil: am bheil barrachd gràidh agad do ʼn t‑sluagh sin, na tha aige‑san a rinn iad?
34Agus thubhairt mi, Cha ʼn ʼeil, a Thighearna, ach mu fhìor àmhghair labhair mi: oir tha mʼ àirnean ʼgam chraodhnadh#5.34 chraodhnadh ‑ phianadh, chiùrradh ‑ torturing gach uair, an uair a ta mi aʼ deanamh strìth a thuigsinn slighe an Tì a ʼs Airde, agus a rannsachadh a mach cuid do ʼn bhreitheanas aige.
35Agus thubhairt e rium, Cha ʼn urrainn duit. Agus thubhairt mi, Cʼ arson, a Thighearna? Ciod uime sin an t‑aobhar air son an dʼ rugadh mi? no cʼ arson nach robh brù mo mhàthair an sin ʼna h‑uaigh dhomh, chum nach faicinn saothair Iacoib, agus sàruchadh fadalach#5.35 fadalach ‑ airtnealach, sgìtheil ‑ wearisome (usage in this context) stuic Israeil?
36Agus thubhairt e rium, Dean suas ann an àireamh na nithe nach dʼ thàinig fathast gu crìch, cruinnich rʼ a chéile dhomh na braoin a ta air an sgapadh a mach, dean dhomh na blàthan a ta air seargadh uaine a rìs;
37Fosgail domh na h‑àitean a dhùnadh, agus thoir a mach dhomh na gaothan a ta air an druideadh suas annta; feuch dhomh ìomhaigh na fuaime; agus an sin cuiridh mi an céill duit an nì sin, air son am bheil thu gu dian ag iarraidh fios.
38Agus thubhairt mi, O Thighearn a ta ʼriaghladh, do ʼm feud fios a bhi air na nithibh sin, agus cha ʼn e esan a ta chòmhnuidh am measg dhaoine.
39Air mo shon‑sa dheth, tha mi neo‑ghlice: ciamar uime sin a labhras mi mu na nithe a thaobh am bheil thu ʼcur cheist orm?
40An sin thubhairt e rium, Amhuil mar nach urrainn duit aon do na nithibh sin a dheanamh mu ʼn do labhair mi, eadhon mar sin cha ʼn urrainn duit mo bhreitheanas fhaotuinn a mach, no mu dheireadh, an gràdh a gheall mi domʼ shluagh fein.
41Agus thubhairt mi, Feuch, O Thighearna, tha thu fathast dlùth dhoibh‑san a ghléidhear chum na crìche: agus ciod a nì iadsan a bha air thoiseach orm, no sinne a ta làthair, no iadsan a thig ʼnar déigh?
42Agus thubhairt e rium, Sàmhlaichidh mi mo bhreitheanas ri fàinne: amhuil mar nach ʼeil diobradh sam bith a thaobh an deiridh, mar sin cha ʼn ʼeil ealamhachd sam bith a thaobh an toisich.
43Mar sin fhreagair mi, agus thubhairt mi, Nach urrainn duit‑sa iadsan a dheanamh a rinneadh cheana, agus iadsan a ta làthair, agus iadsan a ta chum teachd, agus sin air ball, chum gu ʼn nochdadh tu ni ʼs luaithe do bhreitheanas?
44An sin fhreagair e mi, agus thubhairt e, Cha ʼn fheum an creutair cabhag a dheanamh os ceann a Chruitheir, ni mò a chumas an saoghal còmhladh iadsan a dhealbhar ann.
45Agus thubhairt mi, Mar a thubhairt thusa ridʼ sheirbhiseach, gu ʼn tug thusa, a ta ʼtoirt beatha do na h‑uile, beatha air ball do ʼn chreutair a dhealbh thu, agus ghiùlan an creutair i; ceart mar sin, dhʼ fheudadh i iadsan a ghiùlan a nis mar an ceudna air ball, a ta ʼsan àm a làthair.
46Agus thubhairt e rium, Cuir aʼ cheist air broinn na mnà, agus abair rithe, Ma bheireas tu clann, cʼ arson nach ʼeil thu deanamh sin còmhladh, ach an déigh a chéile? guidh oirre uime sin deichnear chloinne a bhreith còmhladh.
47Agus thubhairt mise, Cha ʼn urrainn i; ach feumaidh i a dheanamh le faide ùine.
48An sin thubhairt e rium, Eadhon mar so thug mise brù na talmhainn dhoibh‑san a chuireadh ann ʼnan amannaibh fein.
49Oir mar nach urrainn leanabh òga na nithe sin a thoirt a mach a bhuineas do ʼn aosda, eadhon mar so rinn mi toilichte an saoghal a dhealbh mi.
50Agus dʼ fheòraich mi, ag ràdh, Aʼ faicinn gu ʼn tug thu a nis an t‑slighe dhomh, théid mi air mʼ aghaidh a labhairt romhad: oir tha ar màthair, mu ʼn dubhairt thu rium gu ʼm bheil i òga, aʼ tarruing a nis am fagus do dhʼ aois.
51Fhreagair e mi, agus thubhairt e, Cuir aʼ cheist air mnaoi a ta saoithreach chloinne, agus innsidh ise dhuit.
52Abair rithe, Cʼ arson nach ʼeil iadsan a ta a nis air am breith leatsa cosmhuil riù‑san a bha rompa, ach ni ʼs lughʼ ann an àirde?
53Agus freagraidh i thu, Tha iadsan a bheirear ann a neart na h‑òige do dhʼ aoin ghnè, agus iadsan a bheirear ʼn àm na h‑aoise, an uair a dhìobaireas aʼ bhrù, tha iad air sheòl eile.
54Smuainich thu uime sin mar an ceudna, ciamar a tha sibh ni ʼs lughʼ ann an àirde, na iadsan a bha romhaibh.
55Agus mar so, bithidh iadsan a thig ʼn ʼur déigh ni ʼs lughʼ na sibhse, mar chreutairean a ta a nis ʼtòiseachadh air bhi aosda, agus a chaidh thairis air neart na h‑òige.
56An sin, thubhairt mise, A Thighearna, guidheam ort, ma fhuair mi deagh‑ghean aʼ dʼ shealladh, nochd dodʼ sheirbhiseach cò leis am bheil thu aʼ fiosrachadh do chreutair.
Айни замон обунашуда:
II. Esdras 5: MacGAP
Лаҳзаҳои махсус
Паҳн кунед
Нусха
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017