Sailm Dhaibhidh 146

146
Salm 146
1Dia molaibh; mol, O m'anam, Dia.
2Molaidh mi Dia rim bheò;
Ard-sheinnidh mise cliù dom Dhia,
ri fad mo rè 's mo lò.
3Na earbaibh is na dèanaibh bun
à prionnsan làidir treun';
No fòs à mac aon duin' a th'ann,
's gun fhurtachd ann ri feum.
4Tha 'anail-san dol as a‑mach,
thèid e ga ùir air ais,
Thèid as da smuaintean faoin gu lèir,
san là sin fhèin gu cas.
5'S beannaicht' an duine sin ga bheil
Dia Iàcoib mar a neart;
Ga bheil a dhòchas ann a Dhia,
Iehòbhah Triath nam feart.
6'S e chruthaich nèamh, is muir, is tìr,
's gach aon nì annta tha;
'S e choimhdeas fìrinn mar an ceudn'
gu sìorraidh is gu bràth.
7Ri daoine tha fo fhòirneart mòr,
cumaidh e còir gu caoin;
Bheir biadh don acrach; cuiridh Dia
na prìosanaich fo sgaoil.
8'S e Dia tha fosgladh sùil nan dall;
togaidh Iehòbhah mòr
An dream a tha air cromadh sìos:
is caomh leis daoine còir.
9Dia seasaidh bantrach 's dìlleachdan,
's e 's dìon don choigreach ann:
Ach slighe fhiar nan daoine daoi
tilgidh e bun-os‑cionn.
10Bidh Dia na Ard-Rìgh mòr gu bràth,
do Dhia-sa, Shion naomh;
O linn gu linn gu maireannach.
Molaibh-se Dia gu caomh.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 146: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in