Sailm 10

10
1Crèud as far ſheaſais fad o láimh,
Jehobha làidir threun?
An aimſir teinn is triobloid mhóir
fa ndéan tu tfolach féin?
2Ta 'ndroch-dhuin' ann na àrdan borb
ag díbhargadh na mbochd;
Acht glacar iad 'ſna hinntleachdaibh
do dhealbhadar chum lochd.
3Oir nì an drochdhuin' ráiteachas
a miann a chroidhe fein,
'S na daoine ſanntach molidh ſè,
ge beag ar Dia a mèin.
4An drochdhuin' ag fior árdan gruaidh
ni ghairionn ſè ar Dhia:
Na chroidhe ni bhfuil uair ar bith
aon ſmuaineadh air an triath.
5Ta uile ſhlighthe doilghioſach,
's árd o na ſhùil do bhreith:
Ag ſèidadh pluic gu fanoidach,
ma eaſcairdibh gach leth.
6Na chroidhe fein do labhair ſè,
a mfeaſt' cho ghluaisfar mi:
Oir cho dtig amhghar orm gu bràth
no triobloid fos dom chlaoidh.
7Do dhígan, mhallachadh, 'ſdo ghò,
a bhèulſan làn atà:
Ta donas mòr is dìmhaoinas
fuidh theangaidhſan do ghna.
8An diomhaireachd na ngclochan beag'
ghna-ſhuighionn ſè gun fhios:
Ta ſhùil ar bochd ſar neamhchiontach,
da mort an uaignidhas.
Ta ſhùile nimhneach mar a ngcèdn',
ro ghuineach gèur gu lochd,
Ag dearcadh ann an diomhaireachd
a ſgrios an fhìreun bhochd.
9Mar leomhan luigh a mplaid ata,
na thàmh an garadh dìon,
'Ghabhail na mbochd: is ghlac ſe iad,
ga ntarruing ann na lìon.
10Crúbaidh, is cromidh ſe gu làr,
chum dò nach moithiodh neach:
Le a laochraibh chum gu leagfadh ſè
a mbochd ag gabhail ſeach.
11A dubhairt ſe na chroidhe fèin,
dhichuimhnigh Dia gan cheiſt:
Do dhfolaigh ſè a ghnúis a ngcèin,
ni lèir dho ſud a mfeaſt.
12Jehobha, èirigh ſuas an àird',
a Dhia ta neartmhar trèun,
Tog ſuas do làmh: 'ſna dearmaid chaoidch'
na deòridh bhochd na mfèidhm.
13Na daoine dona creud fa ndèun
ſiad tailcais ort a Dhè?
A dubhairt ſe na chroidhe fèin,
ni fhioſruighionn tu è.
14Chunnaic tu ſin, os duit is lèir
gach dochar, is gach ſpìd,
Chum le do làimh gu dtiobhradh dhoibh
comain an uilc do nìd:
Sann ort a dfag an duine bochd
ê fèin do chur fo dhìon,
Os tu fear cuidigh agus neart
na ndílleachdan gan mhaoin.
15Gàirden an drochdhuin' is an daoi
leon thus', is bris a Dhè:
Is rannſigh 'mach a lochd gu gèur,
gu nuig nach fuighar è.
16Gu ſuthain is gu ſiorruidh fos,
an Tighearn' ta na rígh:
Sgrioſadh na cinnigh 'mach gu glan
na fhearannſan do bhi.
17Miann na ndaoin' umhla chual tu, Dhé;
a ngcroidhe ni tu glèuſt,
Is bheir tu ar do chluas gan cháird
a ngearanſan gu nèiſt:
18Do chohbhail ceart re dílleachdan,
ſre daoine brúite truadh,
Do chum nach dtugadh duin' on úir
ni ſmó ar forneart luadh.

தற்சமயம் தேர்ந்தெடுக்கப்பட்டது:

Sailm 10: SD1694

சிறப்புக்கூறு

பகிர்

நகல்

None

உங்கள் எல்லா சாதனங்களிலும் உங்கள் சிறப்பம்சங்கள் சேமிக்கப்பட வேண்டுமா? பதிவு செய்யவும் அல்லது உள்நுழையவும்