Chapa ya Youversion
Ikoni ya Utafutaji

Gniomhan 4

4
IV. CAIB.
Peadar agus Eoin air an glacadh: am misneach air bialaobh na comhairle; an eaglais air a miadachadh.
1Agus nuair a bha iad a labhairt ris an t-sluagh, thainig na sagairt, us riaghladair an teampuill, agus na Sadusaich orra,
2ʼS iad duilich gun robh iad a teagasg an t-sluaigh, agus a searmonachadh ann an Iosa aiseirigh bho na mairbh;
3Us chuir iad lamh unnta, agus chuir iad am priosan iad gus an ath latha: oir bʼ e nis am feasgar a bhʼ ann.
4Agus chreid moran dhiubh-san a chual am facal; us bʼ e an aireamh coig mile fear.
5Us thachair air an là ʼr na mhaireach, gun do thionail ri cheile am priomh-dhaoine, ʼs na seanairean, ʼs na Sgriobhaich ann an Ierusalem:
6Agus Annas an t-ard-shagart, us Caiphas, us Eoin, us Alastair, ʼsa mhiad ʼsa bha de chinneadh an ard-shagairt.
7ʼS gan cur sa mhiadhon, dhʼ fharraid iad: Ciod a chumhachd, no ciod an t-ainm anns an dʼ rinn sibh so?
8An sin thuirt Peadar, ʼs e lan de ʼn Spiorad Naomh, riu: Sibhse, a riaghladairean an t-sluaigh agus a sheanairean, eisdibh:
9Ma tha sinne an diugh ri ar ceasnachadh a thaobh an deagh ghniomha a rinneadh do ʼn duine euslan, ciamar a rinneadh slan e,
10Biodh fios agaibh uile, agus aig sluagh Israil gu leir, gur h-ann an ainm ar Tighearna Iosa Criosta bho Nasareth, a cheus sibhse, ʼsa thog Dia bho na mairbh, seadh troimh-san tha an duine so ʼna sheasamh slan air ur bialaobh.
11Si so a chlach a dhiultadh leibhse na clachairean, a rinneadh ʼna ceann na h-oisne:
12ʼS cha n-eil sabhaladh ann an neach air bith eile. Oir cha n-eil ainm air bith eile fo neamh air a thoirt do dhaoine, leis am faod sinn a bhith sabhailte.
13A nis a faicinn misneach Pheadair us Eoin, ʼsa tuigsinn gum bu daoine gun fhaghlum gun eolas iad, ghabh iad iongantas, us dhʼ aithnich iad iad, gun robh iad air a bhith comhla ri Iosa:
14ʼSa faicinn a bharr air sin an duine a chaidh a leigheas ʼna sheasamh comhla riu, cha bʼ urrainn daibh ni a radh ʼna aghaidh.
15Ach dhʼ orduich iad dhaibh dol a mach as a chomhairle; agus labhair iad eatorra fhein,
16A g-radh: Ciod a ni sinn ris na daoine so? oir gu fior rinneadh leo miarailt follaiseach do luchd-comhnuidh Ierusalem air fad: tha e soilleir, ʼs cha n-urrainn duinn aicheadh.
17Ach a chor ʼs nach sgaoil e nas fhaide measg an t-sluaigh, bagramaid orra gun iad a labhairt ri duine air bith tuilleadh anns an ainm so.
18ʼS gan gairm, mhaoidh iad orra, gun iad a labhairt idir, no a theagasg an ainm Iosa.
19Ach fhreagair Peadar us Eoin, us thuirt iad riu: Thugaibhse breth, ma tha e ceart an lathair Dhe eisdeachd ribhse a raghainn air Dia:
20Oir cha n-urrainn duinn gun na nichean a chunnaic ʼsa chuala sinn a labhairt.
21Ach an deigh bagradh orra, leig iad air falbh iad, chionn nach robh iad a faighinn doigh air an smachdachadh as leth an t-sluaigh: oir bha daoine uile a moladh an ni a rinneadh thaobh mar bha e air tachairt.
22Oir bha an duine fos cionn dàfhichead bliadhna a dhʼ aois, air an dʼ rinneadh an leigheas miarailteach so.
23ʼS air faighinn an cead, thainig iad a dhʼ ionnsuidh am muinntir fhein; us dhʼ innis iad dhaibh a h-uile ni, a thuirt na h-ard-shagairt, ʼs na seanairean riu.
24Nuair chuala iadsan so, a dhʼ aon inntinn thog iad suas an guth ri Dia, us thuirt iad: A Thighearna, is tu esan a rinn neamh agus talamh, a mhuir, ʼs gach ni a thʼ unnta;
25A thuirt leis an Spiorad Naomh le bial ar n-athar Dài, do sheirbhiseach: Car-son a dhʼ eirich na cinnich ʼnam boile, ʼsa dhealbh an sluagh nichean faoin?
26 Sheas righrean an talmhuinn suas, us chruinnich na h-uachdrain ri cheile an aghaidh an Tighearna, ʼs an aghaidh a Chriosta.
27Oir gu dearbh chruinnich ri cheile sa bhaile so Herod, us Pontius Pilat, comhla ris na cinnich agus sluagh Israil an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dhʼ ung thu,
28A dhianamh na dhʼ orduich do lamh agus do chomhairle a bhith diante.
29A nis, a Thighearna, seall air am bagradh, agus deonaich dha dʼ sheirbhisich tʼ fhacal a labhairt le lan mhisnich,
30Le dʼ lamh a shìneadh a mach gu leigheasan, agus gu comharraidhnean, agus gu miarailtean a bhith air an dianamh tromh ainm do Mhic naoimh Iosa.
31ʼS air dhaibh an urnaigh a radh, ghluaiseadh an t-aite anns an robh iad cruinn; agus lionadh iad uile leis an Spiorad Naomh, us labhair iad facal De gu misneachail.
32ʼS aig co-thional nan creideach cha robh ach aona chridhe agus aon anam; ʼs cha mhua bha a h-aon aca g-radh gum bu leis fhein ni air bith a bha e sealbhachadh, ach bha h-uile ni coitchionn aca.
33Agus le mor-chumhachd thug na h-ostail fianuis air aiseirigh Iosa Criosta, ar Tighearna; agus bha grasan mora unnta uile.
34ʼS cha mhua bha neach air bith uireasach ʼnam measg. Oir a mhiad ʼsa bha ʼnan sealbhadairean fearainn no thighean, reic iad iad, ʼs thug iad leo pris na chaidh reiceadh,
35Agus chuir iad aig casan nan ostal i. Agus chaidh a roinn air gach aon a reir fheumalachd.
36Agus Ioseph, air an tug na h-ostail Barnabas mar cho-ainm (se sin air eadar-theangachadh, mac na furtachd), lebhiteach, a rugadh ann an Ciprus,
37Reic e fearann a bhʼ aige, us thug e leis a phrìs, agus chuir e aig casan nan ostal i.

Iliyochaguliwa sasa

Gniomhan 4: MacETN

Kuonyesha

Shirikisha

Nakili

None

Je, ungependa vivutio vyako vihifadhiwe kwenye vifaa vyako vyote? Jisajili au ingia