N. Matu 5
5
V. CAIB.
Searmon Chriosta air a bheinn: na h-ochd beannachdan.
1ʼSa faicinn an t-sluaigh, chaidh e suas gu beinn, ʼs nuair a shuidh e, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh.
2ʼSa fosgladh a bheoil, theagaisg e iad, a g-radh:
3Is beannaichte iadsan, a tha bochd ʼnan Spiorad: bhon is leo rioghachd Dhe.
4Is beannaichte na daoine ciuin: bho na gheobh iad seilbh air an talamh.
5Is beannaichte luchd a bhròin: bho na gheobh iad sòlas.
6Is beannaichte iadsan air am beil acras agus pathadh a cheartais: bho na gheobh iad an lan-riarachadh.
7Is beannaichte luchd na trocaire: bho na gheobh iad trocair.
8Is beannaichte luchd a chridhe ghlain: bho na chi iad Dia.
9Is beannaichte luchd dianamh na sithe: bho na theirear clann De riu.
10Is beannaichte an fheadhainn a dhʼ fhuiligeas geur-leanmhuinn air son a cheartais: bhon is leo rioghachd fhlathanais.
11Is beannaichte sibhse nuair a chàineas iad sibh, ʼsa ni iad geur-leanmhuinn oirbh, ʼsa their iad h-uile olc ʼnur n-aghaidh gu briagach as mo lethse:
12Biodh aighear us aoibhneas oirbh, oir is ro-mhor ur duais am flathanas. Oir ʼsann mar sin a rinn iad geur-leanmhuinn air na faidhean a bha romhaibh.
13Is sibhse salann an talmhuinn. Ach ma chailleas an salann a bhlas, co leis a shaillear e? Cha n-eil tuille feum ann, ach a bhith air a thilgeadh a mach, ʼs air a shaltairt fo chasan dhaoine.
14Is sibhse solus an t-saoghail. Cha n-urrainn baile a thogar air beinn a bhith am falach.
15Cha mhua lasar coinneal, ʼsa chuirear i fo shaghach, ach air coinnleir, gu solus a thoirt do mhuinntir an tighe uile.
16Dearrsadh mar sin ur solus an lathair dhaoine, los gum faic iad ur deagh-oibrichean, ʼs gun toir iad gloir dha ur n-Athair, a tha air neamh.
17Na saoilibh gun tainig mi a bhristeadh an lagha, no nam faidhean: cha n-ann a bhristeadh, ach a choimhlionadh a thainig mi.
18Oir gu firinneach tha mi g-radh ribh, gus an teid neamh us talamh seachad, nach teid aon lide no aona phong deʼn lagh seachad, gus an coimhlionar a h-uile ni.
19Uime sin an neach a bhristeas air an aon is lugha de na faintean so, agus a theagaisgeas mar sin do dhaoine, theirear an urra is lugha ris ann an rioghachd fhlathanais. Ach esan a ni ʼsa theagaisgeas, theirear urra mhor ris an rioghachd fhlathanais.
20Oir tha mi g-radh ribh, mur toir ur ceartas barrachd air ceartas nan Sgriobhach ʼs nam Phairiseach, nach teid sibh a stigh do rioghachd fhlathanais.
21Chuala sibh gun tuirteadh ris na seanairean: Na dian murt: agus ge bʼe neach a ni murt, bithidh e an cunnart a bhreitheanais.
22Ach tha mise g-radh ribh, gum bi neach air bith, aig a bheil fearg ri bhrathair, an cunnart a bhreitheanais. Us neach air bith a their ri bhrathair, Raca, bithidh e an cunnart na comhairle. Us neach air bith a their, amadain, bithidh e an cunnart teine iutharna.
23Uime sin ma bhios tu tairgse do ghibht aig an altair, ʼs gun cuimhnich thu an sin gu bheil rudeigin aig do bhrathair ad aghaidh:
24Fag an sin do thobhartas air bialaobh na h-altrach, agus falbh an toiseach a dhianamh reite ridʼ bhrathair; ʼs an sin a tighinn tairgidh thu do thobhartas.
25Dian reite ri dʼ namhaid gu h-ealamh, fhad ʼsa tha thu san t-slighe marris: eagal ma dhʼfhaoidte gun liubhair an namhaid thu doʼn bhritheamh, ʼs gun liubhair am britheamh thu doʼn mhaor, ʼs gun tilgear thu am priosan.
26Gu firinneach tha mi g-radh riut, nach teid thu mach as a sin gus am paidh thu an fheoirlinn mu dheireadh.
27Chuala sibh gun deach a radh riu bho shean: Na dian adhaltras.
28Ach tha mise radh ribh, ge bʼe neach a sheallas air boirionnach gus a sanntachadh, gun dʼrinn e adhaltras rithe cheana ʼna chridhe.
29Agus ma bheir do shuil dheas sgainneal dhut, spion asad i, us tilg bhuat i: oir is fhearr dhut gun rachadh a h-aon dhe dʼ bhuill a dhith, na gun tilgte do cholunn uile a dhʼiutharna.
30Agus ma bheir do lamh dheas sgainneal dhut, gearr dhiot i, us tilg bhuat i: oir is fhearr dhut gun rachadh a h-aon dhe dʼ bhuill a dhith, na gun tilgte do cholunn uile a dhʼiutharna.
31Agus chaidh a radh: Fear sam bith a chuireas air falbh a bhean, thugadh e litir-dhealachaidh dhi.
32Ach tha mise cantuinn ribh, ge bʼe neach a chuireas air falbh a bhean, ach air son adhaltrais, gum beil e toirt oirre adhaltras a dhianamh: agus tha am fear a phosas an té a chuireadh air falbh a dianamh adhaltrais.
33Chuala sibh a rithist gun tuirteadh riu bho shean: Na toir mionnan eithich: ach coimhlion do mhionnan doʼn Tighearna.
34Ach tha mise g-radh ribh, na mionnaichibh idir, co dhiu ʼsann air neamh, bhon is e cathair Dhe:
35No air an talamh, bhon is e stol a chas: no air Ierusalem, bhon is e baile an Righ mhoir:
36Cha mhua mhionnaicheas tu air do cheann, a chionn nach urrainn dut aon fhuiltean a dhianamh geal no dubh.
37Ach biodh ur briathran, Tha, tha; Cha n-eil, cha n-eil: agus na tha dol fos cionn sin, ʼsann bhoʼn olc a tha e.
38Chuala sibh gun deach a radh: Suil air son sula, us fiacaill air son fiacla.
39Ach tha mise a cantuinn ribh, gun chur an aghaidh an uilc: ach ma bhuaileas neach thu air do ghruaidh dheis, tionndaidh ris an té eile,
40Agus ma ʼs aill le neach stri riut le lagh, agus do chota thoirt bhuat, leig do chleoc leis cuideachd.
41Agus ge bʼe a bheir leis thu mile a dhʼaindeoin, theirig dà mhile eile comhla ris.
42Thoir doʼn neach a dhʼiarras ort; ʼs na tionndaidh air falbh bhoʼn fhear a shireas coingheall ort.
43Chuala sibh gun deach a radh: Bheir thu gaol dha dʼ choimhearsnach, agus fuath dha do namhaid.
44Ach tha mise g-radh ribh: Thugaibh gaol dhaʼr naimhdean: dianaibh math doʼn fheadhainn a bheir fuath dhuibh, us guidhibh air son na feadhnach, a tha dianamh geur-leanmhuinn oirbh, agus guʼr caineadh:
45Los gum bi sibh ʼnur cloinn ur n-Athar, a tha air neamh, a tha toirt air a ghrein eirigh air na daoine matha ʼs air na daoine olca, ʼsa tha sileadh an uisge do na daoine cearta agus do na daoine eucorach.
46Oir ma ʼsann doʼn fheadhainn aig a bheil gaol oirbh a bheir sibh gaol, dé an duais a bhios agaibh? nach eil na cismhaoir fhein a dianamh so?
47Agus ma ʼsann air ur braithrean a mhain a chuireas sibh fàilt, ciod am barrachd a tha sibh a dianamh? nach eil na paganaich a dianamh so?
48Bithibh ma ta coimhlion, mar a tha ur n-Athair air neamh coimhlion.
Nu markerat:
N. Matu 5: MacETN
Märk
Dela
Kopiera
Vill du ha dina höjdpunkter sparade på alla dina enheter? Registrera dig eller logga in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017