I. Esdras 9
9
CAIB. IX.
1An sin chaidh Esdras, ag éiridh o chùirt an teampuill, do sheòmar Ioanain mhic Eliasib,
2Agus dhʼ fhan e an sin, agus cha dʼ ith e biadh, agus cha dʼ òl e uisge, aʼ deanamh bròin air son eucearta mòra an t‑sluaigh,
3Agus thugadh gairm air feadh Iudea uile agus Ierusaleim, dhoibh‑san uile a bha do ʼn bhràighdeanas, iad a chruinneachadh ri chéile aig Ierusalem:
4Agus ge bʼ e neach nach tigeadh an sin an ceann dhà na thrì làithean, a réir comhairle nan seanair a bha ʼriaghladh, gun deanta gréim air an spréidh aige chum feum an teampuill, agus gum biodh e fein air a dhealachadh uatha‑san a bha do ʼn bhràighdeanas.
5Agus an ceann thrì làithean chruinnicheadh iadsan uile do threubh Iudah agus Bheniamin gu Ierusalem, air an fhicheadamh là do ʼn naothadh mìos.
6Agus shuidh an sluagh uile air chrith ann an cùirt leathainn an teampuill, air son an droch aimsire a bha ann.
7Uime sin, dhʼ éirich Esdras agus thubhairt e riù, Bhris sibh an lagh ann an gabhail dhuibh fein mnaoi choimheach, le sin a mheudachadh pheacanna Israeil.
8Agus a nis le aideachadh thugaibh glòir do Thighearna Dhia ar n‑aithriche,
9Agus deanaibh a thoil, agus dealaichibh sibh fein o chinneach na tìre, agus o na mnathaibh coimheach.
10An sin ghlaodh an coimhthionail uile, agus thubhairt iad le guth àrd, Mar sin a réir mar a labhair thu, nì sinne.
11Ach do bhrìgh gu ʼm bheil an sluagh lìonmhor, agus droch aimsir ann, air chor as nach urrainn sinn seasamh a muigh, agus nach obair aoin là, no dà là so, air dʼ ar ciont anns na nithibh so a bhi air a sgaoileadh gu farsuing:
12Uime sin seasadh uachdarain aʼ choimhthionail uile, agus thigeadh iadsan uile ʼnar bailtibh aig an àm shuidhichte, aig am bheil mnaoi choimheach,
13Agus maille riù riaghlairean agus breitheamhna gach àite, gus an tionndaidh sinn air falbh fearg an Tighearna uainn a thaobh an nì so.
14An sin ghabh Ionatan mac Asaeil, agus Esecias mac Theocanuis, an gnothuch so a réir sin os làimh; agus chuidich Mosollam, agus Lebhis, agus Sabbateus leò.
15Agus rinn iadsan a bha do ʼn bhràighdeanas a réir nan nithe sin.
16Agus roghnaich Esdras an sagart dha fein prìomh‑dhaoine an teaghlaichean, uile a réir an ainmean, agus shuidh iad cuideachd air aʼ cheud là do ʼn deicheamh mìos a rannsachadh na cùise.
17Mar so chrìochnaich iad dʼ an taobh‑san a ghabh dhoibh fein mnai choimheach, air aʼ cheud là do ʼn cheud mhìos.
18Agus am measg nan sagart a thugadh cuideachd, agus a ghabh dhoibh fein mnaoi choimheach, fhuaradh;
19Do mhacaibh Iesuis mhic Iosedeic, agus a bhràithre; Mattelas agus Eleasar, agus Ioribus, agus Ioadanas,
20Agus thog iad an làmhan gu ʼn cuireadh iad uatha am mnaoi, gun tugadh iad suas reitheachan a dheanamh réite air son nam mearachd aca.
21Agus do mhacaibh Emmeir; Ananias agus Sabdeus, agus Eanes, agus Sameius, agus Hiereel, agus Asarias,
22Agus do mhacaibh Phaisuir; Elionas, Massias, Ismael, agus Natanael, agus Ocidelus, agus Talsas,
23Agus do na Lebhithich; Iosabad, agus Semis, agos Colius, dʼ an goirear Calitas, agus Pateus, agus Iudas, agus Ionas.
24Do ʼn luchd‑seinn naomha; Eleasurus, Baccurus.
25Do na dorsairibh; Sallumus, agus Tolbanes.
26Dhiubhsan do Israeil, do mhacaibh Phorois; Hiermas, agus Eddias, agus Melchias, agus Maelus, agus Eleasar, agus Asibias, agus Baanias,
27Do mhacaibh Ela; Mattanias, Sacharias, agus Hierielus, agus Hieremot, agus Aedias,
28Agus do mhacaibh Shamoit; Eliadas, Elisimus, Othonias, Iarimot, agus Sabatus, agus Sardeus,
29Do mhacaibh Bhebai; Iohannes, agus Ananias, agus Iosabat, agus Amateis,
30Do mhacaibh Mhani; Olamus, Mamucus, Iedeus, Iasubus, Iasael, agus Hieremot,
31Agus do mhacaibh Addi; Naatus, agus Moosias, Lacunus, agus Naidus, agus Matanias, agus Sestel, Balnuus, agus Manasseas,
32Agus do mhacaibh Annais; Elionas, agus Aseas, agus Melchias, agus Sabbeus, agus Simon Chosameus,
33Agus do mhacaibh Asoim; Altaneus, agus Mattias, agus Bannaia, Eliphalat, agus Manasses, agus Semei,
34Agus do mhacaibh Mhaani; Ieremias, Momdis, Omaerus, Iuel, Mabdai, agus Pelias, agus Anos, Carabasion, agus Enasibus, agus Manitanaimus, Eliasis, Bannus, Eliali, Samis, Selemias, Natanias; agus do mhacaibh Osora; Scsis, Esril, Asaelus, Samatus, Sambis, Iosephus.
35Do mhacaibh Ethma; Masitias, Sabadaias, Edes, Iuel, Banaias.
36Ghabh iad so uile dʼ an ionnsuidh fein mnathan coimheach, agus chuir iad air falbh iad, maille rʼ an cloinn.
37Agus chòmhnuich na sagartan agus na Lebhithich, agus iadsan a bhuineadh do Israel, ann an Ierusalem, agus anns an dùthaich, air aʼ cheud là do ʼn t‑seachdamh mìos: mar so bha clann Israeil ʼnan ionadaibh‑còmhnuidh.
38Agus thàinig an sluagh uile cuideachd a dhʼ aoin inntinn chum àite leathainn aʼ gheata naoimh air an taobh an ear:
39Agus labhair iad ri Esdras an sagart, agus am fear‑leughaidh, e thoirt a làthair lagh Mhaois, a thugadh seachad le Tighearna Dia Israeil.
40Mar so thug Esdras an t‑àrd‑shagart an lagh an làthair aʼ choimhthionail uile, araon fhear agus bhan, agus nan sagart uile, a chluinntinn an lagha air aʼ cheud là do ʼn t‑seachdamh mìos.
41Agus leugh e anns aʼ chùirt leathainn roimh ʼn gheata naomha, o mhaduinn gu meadhon‑là, an làthair nam fear agus nam ban, agus thug an sluagh uile fanear an lagh.
42Agus sheas Esdras an sagart agus fear‑leughaidh an lagha, air crannaig#9.42 crannaig ‑ cùbaid ‑ pulpit fhiodha, a rinneadh air son aʼ ghnothuich.
43Agus làimh ris sheas Mattatias, Sammus, Ananias, Asarias, Urias, Esecias, Balasamus, air a làimh dheis.
44Agus air a làimh chlì, sheas Phaldaius, Misael, Melchias, Lotasubus, agus Naharias,
45An sin ghabh Esdras leabhar an lagha a ʼm fianuis aʼ choimhthionail; oir bha e gu h‑urramach ʼna shuidh anns aʼ phriomh‑ionad, ann an sealladh nan uile.
46Agus an uair a dhʼ fhosgail e an lagh, sheas an sluagh uile suas. Uime sin, bheannaich Esdras an Tighearna Dia a ʼs àirde, Dia nan sluagh, an t‑Uile‑chumhachdach,
47Agus fhreagair an sluagh uile, Amen; agus aʼ togail an làmh dhoibh, thuit iad dhʼ ionnsuidh an làir, agus rinn iad aoradh do Dhia,
48Agus theagaisg Iesus, Anus, Sarabias, Adinus, Iacubus, Sabateas, Auteas, Maianeas, agus Calitas, Asarias, agus Ioasabdus, agus Ananias, Biatas, na Lebhithich, lagh an Tighearna, aʼ toirt orra a thuigsinn maraon,
49An sin labhair Attarates ri Esdras an t‑àrd‑shagart, agus am fear‑leughaidh, agus ris na Lebhithich a theagaisg an sluagh, agus eadhon ris na h‑uile, ag ràdh,
50Tha ʼn là so naomh do ʼn Tighearna; (oir ghuil iad uile an uair a chual iad an lagh:)
51Imichibh ma ta, agus ithibh nithe reamhra, agus òlaibh nithe mìlse, agus cuiribh cuibhrionn dʼ an ionnsuidh‑san aig nach ʼeil nì sam bith;
52Oir thaʼ n là so naomh do ʼn Tighearna; agus na bithibh ri bròn, oir bheir an Tighearna sibh gu h‑urram.
53Uime sin, dhʼ fhoillsich na Lebhithich na nithe so uile do ʼn t‑sluagh, ag ràdh, Thaʼ n là so naomh do ʼn Tighearna; na bithibh ri bròn.
54An sin, dhʼ imich iad uile, gach neach a dhʼ itheadh agus a dhʼ òladh, agus a dheanamh aoibhneis, agus a thabhairt cuibhrinn dhoibh‑san a bha falamh, agus a dheanamh mòr‑ghàirdeachais.
55A chionn gu ʼn do thuig iad na briathra leis an do theagaisgeadh iad, agus air son an do chruinnicheadh rʼ a chéile iad.
Aktualisht i përzgjedhur:
I. Esdras 9: MacGAP
Thekso
Ndaje
Copy
A doni që theksimet tuaja të jenë të ruajtura në të gjitha pajisjet që keni? Regjistrohu ose hyr
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017