Logo YouVersion
Ikona Hľadať

II. Esdras 14

14
CAIB. XIV.
1Agus thàinig e gu crìch air an treas là, shuidh mi fo dharaig, agus, feuch, thàinig guth a mach á preas thall fa ʼm chomhair, agus thubhairt e, Esdrais, Esdrais!
2Agus thubhairt mise, Tha mi an so, a Thighearna, Agus sheas mi suas air mo chosaibh.
3An sin thubhairt e rium, Dhʼ fhoillsich mi mi fein gu soilleir do Mhaois anns aʼ phreas, agus labhair mi ris, an uair a rinn mo phobull seirbhis ʼsan Eiphit:
4Agus chuir mi a mach e, agus threòraich mi mo shluagh fein as an Eiphit, agus thug mi suas e gu beinn Shinai, far an do chùm mi e maille rium rè ùine fhada,
5Agus far an do chuir mi an céill da iomadh nì mìorbhuileach, agus an do nochd mi dha dìomhaireachdan nan aimsir, agus aʼ chrìoch; agus thug mi àithne dha, ag ràdh,
6Na briathra sin cuiridh tu an céill, agus na briathra sin eile folaichidh tu.
7Agus a nis a deirean riut,
8Gun taisg thu suas ʼnadʼ chridhe na comharan a nochd mi, agus na bruadairean a chunnaic thu, agus na mìnichean a chual thu:
9Oir bheirear air falbh thu o na h‑uile, agus o so a mach fanaidh tu maille rimʼ Mhac‑sa, agus maille riù‑san a bhios cosmhuil riut fein, gus an tig na h‑amanna gu crìch.
10Oir chaill an saoghal òige fein, agus tha na h‑amanna aʼ tòiseachadh ri fàs sean.
11Oir tha ʼn saoghal air a roinn ʼna dhà earrainn deug, agus tha deich earrainnean deth air dol seachad a cheana, agus leth deicheamh earrainn;
12Agus tha ann fathast an nì sin a ta thairis air dàrna leth an deicheamh earrainn.
13A nis, uime sin cuir do thigh a ʼn òrdugh, agus thoir achmhasan dodʼ shluagh fein, thoir comhfhurtachd do mheud ʼsa ta ann an trioblaid, agus a ta a nis aʼ cur cùl ri truaillidheachd,
14Leig air falbh uait smuainte bàsmhor, tilg air falbh uallaichean dhaoine, cuir dhìot a nis an nàdar lag,
15Agus cuir gu taobh na smuainte a ta ro throm ort, agus dean cabhag chum teicheadh o na h‑amannaibh sin.
16Oir nithear an déigh so aingidheachdan ni ʼs mò na iadsan a chunnaic thu aʼ tachairt.
17Oir feuch, aʼ mheud ʼsa bhios an saoghal ni ʼs laige trìd na h‑aois, meudaichear aingidheachdan aʼ réir sin orra‑san a ta chòmhnuidh ann.
18Oir theich an fhìrinn am fad as, agus tha àm a chruinnichidh am fagus: oir a nis tha ʼn sealladh a chunnaic thu aʼ deanamh cabhaig gu teachd.
19An sin fhreagair mi aʼ dʼ làthair, agus thubhairt mi,
20Feuch, a Thighearna, théid mi mar a dhʼ àithn thu dhomh, agus bheir mi achmhasan do ʼn t‑sluagh a ta làthair: ach cò a dhʼ earalaicheas iadsan a bheirear an déigh so? mar so tha ʼn saoghal air a shuidheachadh ann an dorchadas, agus tha iadsan gun solus a ta chòmhnuidh ann.
21Oir loisgeadh do lagh, uime sin cha ʼn ʼeil fios aig duine sam bith air na nithibh a nithear leat‑sa, no na h‑oibre a thòisicheas:
22Ach ma fhuair mi gràs ʼnadʼ làthair, cuir an Spiorad Naomh dʼ am ionnsuidh, agus sgrìobhaidh mi na h‑uile nithe a rinneadh ʼsan t‑saoghal o ʼn toiseach, a sgrìobhadh ʼnadʼ lagh fein, chum gu ʼm faigh daoine an t‑slighe, agus gu ʼm bi beatha aca‑san a bhios beò anns na làithibh deireannach.
23Agus fhreagair e mi, ag ràdh, Gabh romhad, cruinnich an sluagh ri chéile, agus abair riutha, gun iad a bhi ʼgad iarraidh rè dhà fhichead là.
24Ach seall thusa, ullaich dhuit fein mòran do chrannaibh‑bocsa, agus gabh maille riut Sarea, Dabria, Selemia, Ecanus, agus Asiel, a chùignear sin, a ta deas chum sgrìobhadh gu luath.
25Agus thig an so, agus lasaidh mi coinneal tuigse ʼnadʼ chridhe, nach smàlar as, gus an deanar na nithe a thòisicheas tu air sgrìobhadh.
26Agus an uair a bhios tu ullamh, foillsichidh tu cuid do nithibh, agus nochdaidh tu cuid eile gu h‑uaigneach dhoibh‑san a ta glice: aig an uair so am màireach tòisichidh tu air sgrìobhadh:
27An sin chaidh mi a mach, mar a dhʼ àithn e, agus chruinnich mi an sluagh uile rʼ a chéile, agus thubhairt mi,
28Eisd ris na briathraibh so, O Israeil:
29Bha ar n‑aithriche ʼsan toiseach ʼnan coigrich ʼsan Eiphit, as an do shaoradh iad:
30Agus fhuair iad lagh na beatha, nach do ghléidh iad, agus a bhris sibhse mar an ceudna ʼnan déigh.
31An sin bha am fearann, eadhon fearann Shioin, air a roinn ʼn ʼur measg le crannchar; ach rinn bhur n‑aithriche, agus sibh fein neo‑fhìreantachd, agus cha do ghléidh sibh na sligheanna a dhʼ àithn an Tì a ʼs Airde dhuibh.
32Agus do bhrìgh ʼs gur breitheamh fìrinneach e, thug e uaibh ri h‑ùine an nì sin a thug e dhuibh.
33Agus a nis tha sibh an so, agus bhur bràithre ʼn ʼur measg.
34Air an aobhar sin, ma thachaireas e gu ʼn ceannsaich sibh bhur tuigse fein, agus gu ʼn athleasaich sibh bhur cridheachan fein, cumar beò sibh, agus an déigh aʼ bhàis gheibh sibh tròcair.
35Oir an déigh aʼ bhàis thig am breitheanas, an uair a bhios sinn beò a rìs; agus an sin nithear ainmean nam fìrean follaiseach, agus bithidh oibre nan aingidh air an leigeadh ris.
36Na tigeadh duine sam bith uime sin a ʼm ionnsuidh a nis, agus na iarradh neach sam bith mi rè dhà fhichead là.
37Uime sin ghabh mi an cùignear dhaoine, mar a dhʼ àithn e dhomh, agus chaidh sinn chum an achaidh, agus dhʼ fhan sinn an sin.
38Agus air an ath là, feuch, ghairm guth orm, ag ràdh, Esdrais, fosgail do bheul, agus òl na bheir mi dhuit rʼ a òladh.
39An sin dhʼ fhosgail mi mo bheul, agus, feuch, shìn e dhomh copan làn, a bha air a lìonadh mar gu ʼm bʼ ann le h‑uisge, agus bha a dhreach mar theine.
40Agus ghabh, agus dhʼ òl mi e; agus an uair a dhʼ òl mi dheth, labhair mo chridhe tuigse, agus dhʼ fhàs gliocas ʼnam uchd, oir neartuich mo spiorad mo chuimhne:
41Agus dhʼ fhosgladh mo bheul, agus cha do dhùnadh e tuilleadh.
42Thug an Tì a ʼs Airde tuigse do ʼn chùignear dhaoine, agus sgrìobh iad seallanna iongantach na h‑oidhche a chuireadh an céill, air nach robh fios aca; agus shuidh iad dà fhichead là, agus sgrìobh iad ʼsan là, agus dhʼ ith iad aran air an oidhche.
43Agus air mo shon‑sa dheth, labhair mi anns an là, agus cha robh mi ʼnam thosd air an oidhche.
44Sgrìobh iad ann an dà fhichead là, dà cheud leabhar agus ceithir.
45Agus thàinig e gu crìch, an uair a choimhlionadh an dà fhichead là, gu ʼn do labhair an Tì a ʼs Airde, ag ràdh, Nochd gu follaiseach aʼ cheud fhear a sgrìobh thu, chum gu ʼn leugh an t‑airidh agus am mì‑airidh e;
46Ach gléidh na deich agus trì fichead dheireannach, chum gu ʼn tabhair thu iad a mhàin dhoibh‑san a ta glice am measg an t‑sluaigh.
47Oir annta‑san tha ceann‑aobhair na tuigse, tobar aʼ ghliocais, agus sruth an eòlais.
48Agus rinn mi so.

Aktuálne označené:

II. Esdras 14: MacGAP

Zvýraznenie

Zdieľať

Kopírovať

None

Chceš mať svoje zvýraznenia uložené vo všetkých zariadeniach? Zaregistruj sa alebo sa prihlás