N. Eoin 2

2
II. CAIB.
Criosta tionndadh uisge gu fion; ʼsa tilgeadh an luchd-reic us ceannach a mach as an teampull.
1Agus air an treas latha bha bainis ann an Cana Ghalile; ʼs bha mathair Iosa an sin.
2Agus fhuair Iosa fhein ʼsa dheisciopuil cuireadh thun na bainnse.
3ʼS am fiona teireachduinn, thuirt mathair Iosa ris: Cha n-eil fion aca.
4Us thuirt Iosa rithe: Ciod e sin domhsa us dutsa, a bhoirionnaich? cha n-eil mʼ uair-sa air tighinn fhathast.#2.4 II. CAIB., 4. Ciod e sin domhsa, &c. Chaidh am facal so thuigsinn le cuid de luchd-mineachaidh nan sgriobtur mar fhacal searbh, le cion sealtuinn air an rann a leanas: Ni air bith a their e ribh, dianaibh, a tha fiachuinn gu glan gum bʼ aithne dha mhathair a mhiarailt a bha e gu oibreachadh, agus gur h-ann air a h-iarratas a dhʼ oibrich e i; a bharrachd air an doigh sna labhradh na briathran, bu choir fuaim a ghuth agus fiamh ʼaodainn, nichean a bha ain-fhiosrach ach do ʼn fheadhainn a bha san eisdeachd, bhith air aire, air neo mar rinneadh as an deigh: oir facal a thuigteadh an seol feargach le aon sheorsa fuaim gutha, thuigteadh le caochla fuaime ann an seagh eile.
5Thuirt a mhathair ris an luchd-riarachaidh: Ni sam bith a their e ribh, dianaibh.
6A nis bha sia poitean-uisge de chloich air an cur an sin a reir gnath glanaidh nan Iudhach, a chumadh a dhà no tri de thoimhsean gach aon.
7Thuirt Iosa riu: Lionaibh na poitean le uisge. Agus lion iad suas gus am bial iad.
8Agus thuirt Iosa riu: Tarruinnibh a nis, agus thugaibh e gu ard-riaghladair na cuilme. Agus thug iad e.
9ʼS nuair a bhlais ard-riaghladair na cuilme an t-uisge a chaidh thionndadh gu fion, ʼs e gun fhios aige co as a bha e, ach bha fios aig an luchd-riarachaidh a tharruinn an t-uisge, ghairm an t-ard-riaghladair fear-na-bainnse,
10Us thuirt e ris: Tha h-uile duine cur sios an toiseach fiona mhath; ʼs nuair a dhʼ olas daoine gu pailt, an sin fiona nas miosa: ach ghleidh thusa am fion math gu so.
11Bʼ e so toiseach miarailtean Iosa ann an Cana Ghalile: us rinn e ghloir follaiseach, agus chreid a dheisciopuil ann.
12An deigh so chaidh e sios do Chapharnaum, e fhein, ʼsa mhathair, ʼsa bhraithrean, agus a dheisciopuil; ʼs cha dʼfhan iad an sin moran laithean.
13Agus bha càisg nan Iudhach aig laimh, ʼs chaidh Iosa suas gu Ierusalem;
14Agus fhuair e san teampull luchd-reic dhamh us chaorach us chalaman, agus luchd-malairt airgid ʼnan suidhe.
15ʼS nuair rinn e sgiursa de chuird chaola, dhʼfhuadaich e mach as an teampull iad uile, na caoraich mar-aon agus na daimh, agus thaom e sios airgiod an luchd-mhalairt agus leag e na buird.
16Us thuirt e riusan a bha reic chalaman: Thugaibh iad sin á so, ʼs na dianaibh tigh mʼ Athar ʼna thigh marsantachd.
17An sin chuimhnich a dheisciopuil gun robh e sgriobhte: Dhʼith eud do thighe suas mi.
18Uime sin fhreagair na h-Iudhaich, us thuirt iad ris: Ciod an comharradh a dhʼ fhiachas tu dhuinn, a thaobh gu bheil thu dianamh nan nichean so?
19Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Leagaibh an teampull so, agus togaidh mi suais e an tri latha.
20An sin thuirt na h-Iudhaich: Dà-fhichead bliadhna ʼsa sia bhathas a togail an teampuill so, agus an cuir thusa suas e an tri latha?
21Ach bha esan a labhairt mu theampull a chuirp.
22Air an aobhar sin nuair dhʼeirich e bho na mairbh, chuimhnich a dheisciopuil gun tuirt e so, agus chreid iad an sgriobtur, agus am facal a thuirt Iosa.
23A nis, nuair a bha e ann an Ierusalem aig a chàisg, air latha na feille, chreid moran ʼna ainm, ʼs iad a faicinn nam miarailtean a bha e dianamh.
24Ach cha dʼ earb Iosa e fhein riu: a thaobh gum bʼ aithne dha daoine uile,
25ʼSa thaobh nach robh feum aige gun tugadh neach air bith teisteanas air duine: oir bʼ aithne dha fhein ciod a bha anns an duine.

දැනට තෝරාගෙන ඇත:

N. Eoin 2: MacETN

සළකුණු කරන්න

බෙදාගන්න

පිටපත් කරන්න

None

ඔබගේ සියලු උපාංග හරහා ඔබගේ සළකුණු කල පද වෙත ප්‍රවේශ වීමට අවශ්‍යද? ලියාපදිංචි වී නව ගිණුමක් සාදන්න හෝ ඔබගේ ගිණුමට ඔබගේ ගිණුමට පිවිසෙන්න

N. Eoin 2 සම්බන්ධව නිදහස් කියවීමේ සැලසුම් සහ පූජනීයත්වය

YouVersion ඔබේ අත්දැකීම පෞද්ගලීකරණය කිරීමට කුකීස් භාවිතා කරයි. අපගේ වෙබ් අඩවිය භාවිතා කිරීම මගින්, අපගේ රහස්‍යතා ප්‍රතිපත්තිහි විස්තර කර ඇති පරිදි අපගේ කුකීස් භාවිතයට ඔබ එකඟ වේ