Colosianaich 2:13-14
Colosianaich 2:13-14 GLD
Bha sibh aig aon àm marbh nur peacaidhean agus dealaichte bho fhìor shluagh Dhè, ach thug Dia beò sibh còmhla ri Crìosd. Thug e mathanas dhuinn nar peacaidhean gu lèir. Dhubh e mach cunntas nam fìachan a bha nar n‑aghaidh agus nan riaghailtean a bha gar dìteadh, agus chuir e as dha gu h‑iomlan nuair a rinn e a thàirneachadh ris a' chrann-cheusaidh.