1
Philipianaich 4:6
Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986
Na biodh cus iomagain oirbh mu nì sam bith. Anns a h‑uile suidheachadh, dèanaibh aithnichte do Dhia gach nì a tha a dhìth oirbh, a' dèanamh ùrnaigh ris-san 's a' toirt taing dhàsan.
Compară
Explorează Philipianaich 4:6
2
Philipianaich 4:7
Ma nì sibh seo, bidh sìth Dhè, a tha cho domhainn 's nach tèid aig duine air a tuigsinn, a' cumail ur cridhe 's ur n‑inntinn sàbhailte ann an Iosa Crìosd.
Explorează Philipianaich 4:7
3
Philipianaich 4:8
San dealachadh, a chàirdean, tha mi ag iarraidh oirbh gum bi ur n‑inntinnean air an lìonadh leis gach nì a tha sàr-mhath, agus a tha airidh air cliù — nithean a tha fìor, urramach, ceart, naomh, maiseach agus cliùiteach.
Explorează Philipianaich 4:8
4
Philipianaich 4:13
Thèid agam air giùlan leis gach nì a choinnicheas rium anns an neart a tha Crìosd a' toirt dhomh.
Explorează Philipianaich 4:13
5
Philipianaich 4:4
Dèanaibh làn ghàirdeachas daonnan anns an Tighearna. Their mi a‑rithist e: dèanaibh làn ghàirdeachas.
Explorează Philipianaich 4:4
6
Philipianaich 4:19
Agus an Dia dham bheil mise a' dèanamh seirbhis, coinnichidh esan ris gach feum a th'oirbhse leis an t‑saidhbhreas ghlòrmhor aige fhèin, tre Iosa Crìosd.
Explorează Philipianaich 4:19
7
Philipianaich 4:9
Cumaibh oirbh a' dèanamh nan nithean a dh'ionnsaich sibh agus a fhuair sibh bhuamsa — na nithean a chuala sibh bhuam 's a chunnaic sibh annam. Ma nì sibh sin, bheir Dia a shith fhèin dhuibh.
Explorează Philipianaich 4:9
8
Philipianaich 4:5
Bu mhath leam gum faiceadh a h‑uile neach ur caomhalachd, oir chan eil an Tighearna fad air falbh.
Explorează Philipianaich 4:5
9
Philipianaich 4:12
Tha mi eòlach air a bhith gann, agus cuideachd air tuilleadh 's a' chòir a bhith agam. Anns a h‑uile suidheachadh a th'ann, dh'ionnsaich mi an dà chuid a bhith làn 's a bhith acrach, a bhith ann am pailteas 's a bhith ann an gainne.
Explorează Philipianaich 4:12
10
Philipianaich 4:11
Chan e cho feumach 's a tha mi a tha a' toirt orm seo a ràdh, oir dh'ionnsaich mi a bhith riaraichte ge bith dè th'agam.
Explorează Philipianaich 4:11
Acasă
Biblia
Planuri
Videoclipuri