Air sàillibh sin, thog Dia e dhan àite as àirde,
's thug e dha an t‑ainm
a tha os cionn gach ainm eile.
'S mar sin nuair a chluinneas iad an t‑ainm seo aig Iosa
tuitidh a h‑uile neach air a ghlùinean,
air nèamh 's air thalamh 's a‑measg nam marbh,
'S cuiridh gach teanga an cèill
gur e Iosa Crìosd an Tighearna,
's bheir seo glòir do Dhia an t‑Athair.