Bha Iosa fhathast a' bruidhinn rithe nuair a thàinig feadhainn bho thaigh Iàruis a ràdh ris, “Tha do nighean marbh; carson a chuireadh tu tuilleadh dragh air a' mhaighistir?”
Cha do ghabh Iosa suim sam bith dhan nì a chaidh a ràdh, ach thuirt e ri Iàrus, “Na biodh eagal idir ort, ach biodh creideamh agad.”