N. Marc 11
11
XI. CAIB.
Criosta dol a stigh gu Ierusalem air muin asail; a mollachadh na craoibh-fige gun mheas, ʼsa tilgeadh luchd-ceannach us reic as an teampull.
1Agus nuair thainig e teann air Ierusalem us Betania aig sliabh Olibheit, chuir e air adhart dithis dhe a dheisciopuil,
2Us thuirt e riu: Siubhlaibh doʼn bhaile a tha muʼr coinneamh, agus air ball a dol a stigh ann, gheobh sibh bioraiche an ceangal, air nach do shuidh duine riamh: fuasglaibh us thugaibh an so e.
3Agus ma their duine air bith ribh: Ciod tha sibh a dianamh? abraibh, gu bheil feum aig an Tighearna air: us leigidh e an so e san uair.
4ʼSa dol air an adhart fhuair iad am bioraiche an ceangal air taobh-mach a gheata aig coinneachadh dà rathaid; us dhʼfhuasgail iad e.
5Agus thuirt cuid deʼn fheadhainn a bha ʼnan seasamh an sin riu: Ciod tha sibh a dianamh a fuasgladh a bhioraiche?
6Us thuirt iad riu mar a dhʼorduich Iosa dhaibh, us leig iad leo e.
7Agus thug iad am bioraiche gu Iosa; us chuir iad am falluinnean air, agus shuidh e air.
8Us sgaoil moran an aodaichean air an rathad; agus ghearr feadhainn eile meoir chraobh, agus sgap iad air an rathad iad.
9Agus ghlaodh an fheadhainn a chaidh roimhe, ʼsa lean e, a g-radh: Hosanna:
10Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna: is beannaichte rioghachd ar n-athar Dài a tha tighinn: Hosanna anns na h-ardaibh.
11Us chaidh e stigh do Ierusalem thun an teampuill; ʼs an deigh amharc air gach ni mun cuairt, bho na bhaʼm feasgar a nis ann, chaidh e gu Betania maille ris na dhà-dhiag.
12ʼS an ath latha nuair a chaidh iad a mach á Betania, bha acras air.
13ʼS nuair a chunnaic e fad as craobh-fhige air an robh duilleach, thainig e fiach am faigheadh e ma dhʼ fhaoidte dad oirre; ʼs nuair a rainig e i, cha dʼfhuair e ni ach duilleagan: oir cha robh àm nam figis ann.
14ʼSa freagairt, thuirt e rithe: A so suas gu bràth na itheadh neach meas dhiot. Agus bha dheisciopuil ga chluinntinn.
15Us rainig iad Ierusalem. ʼS nuair a chaidh e stigh doʼn teampull, thòisich e ri fuadachadh a mach na feadhnach a bha reic, ʼs na feadhnach a bha ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-malairt an airgid, us cathraichean luchd-reic chalman.
16ʼS cha n-fhuiligeadh e gun giulanadh neach air bith saghach tromhʼn teampull:
17Us theagaisg e, a g-radh riu: Nach eil e sgribhte: Gun abrar tigh urnaigh ri mo thighse feadh nan cinneach uile? Ach rinn sibhse uamh mheirleach dheth.
18Agus nuair chuala na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich so, dhʼiarr iad ciamar a dhʼfhaodadh iad cur as da: oir bha eagal aca roimhe, a chionn gun robh an sluagh uile a gabhail ioghnaidh ri theagasg.
19Agus nuair thainig am feasgar, chaidh e mach as a bhaile.
20ʼS nuair a bha iad a gabhail seachad sa mhaduinn, chunnaic iad a chraobh-fhige seargte bho friamhaichean.
21Us Peadar a cuimhneachadh, thuirt e ris: A Rabbi, seall, tha chraobh-fhige, a mholluich thu, air seargadh as.
22Us Iosʼ a freagairt, thuirt e riu: Biodh creideamh Dhe agaibh.
23Gu deimhinn tha mi radh ribh, co sam bith a their ris a bheinn so: Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, agus aig nach bi teagamh ʼna chridhe, ach a chreideas, gun dianar ciod sam bith a their e, gum bi e diante dha.
24Air an aobhar sin deiream ribh: Ge bʼe ni dhʼiarras sibh ann an urnaigh, creidibh gum faigh sibh e, us thig e guʼr n-ionnsuidh.
25ʼS nuair sheasas sibh a dhianamh urnaigh, mathaibh ma tha dad agaibh an aghaidh duine air bith, los gum math ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse.
26Ach mur math sibh, cha mhua mhathas ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse.
27Agus thainig iad a rithist gu Ierusalem. ʼS nuair a bha e coiseachd san teampull, thainig na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean ga ionnsuidh,
28Us thuirt iad ris: Ciod an t-ughdaras leis a bheil thu dianamh nan nichean so? us co thug an t-ughdaras so dhut gu bheil thu gan dianamh?
29Agus Iosa a freagairt, thuirt e riu: Faighnichidh mise aon fhacal dhibhse, agus freagraibh mi; agus innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh nan nichean so.
30Baisteadh Eoin, an ann bho neamh, no bho dhaoine a bha e? Freagraibh mi.
31Ach smaoinich iadsan aca fhein, a g-radh: Ma their sinn: bho neamh, their e: Car-son ma ta nach do chreid sibh e?
32Ma their sinn: bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall daoine uile air Eoin mar fhior fhaidh.
33ʼSa freagairt thuirt iad ri Iosa: Cha n-aithne dhuinn. Us thuirt Iosa riu, ʼs e freagairt: Cha mhua dhʼinnseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so.
Currently Selected:
N. Marc 11: MacETN
Highlight
Share
ਕਾਪੀ।

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017