1
N. Matu 7:7
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
Iarraibh, agus bheirear dhuibh; siribh, agus gheobh sibh: buailibh, agus fosglar dhuibh.
Compare
Explore N. Matu 7:7
2
N. Matu 7:8
Oir gach aon a dhʼiarras, bheirear dha; ʼs am fear a shireas, gheobh e: agus do ʼn fhear, a bhuaileas, fosglar.
Explore N. Matu 7:8
3
N. Matu 7:24
Air an aobhar sin, h-uile h-aon a chluinneas na briathran so agamsa, ʼsa ni iad, samhlaichear e ri duine glic, a thog a thigh air creig
Explore N. Matu 7:24
4
N. Matu 7:12
A h-uile ni ma ta bu mhath leibh daoine a dhianamh dhuibh, dianaibh dhaibh. Oir se so an lagh agus na faidhean.
Explore N. Matu 7:12
5
N. Matu 7:14
Nach cumhann an geata, ʼs nach aimhlean an rathad, a tha gabhail gu beatha, agus nach tearc iad a tha g-amas air!
Explore N. Matu 7:14
6
N. Matu 7:13
Rachaibh a stigh air a gheata chumhann: a chionn gur leathan an geata ʼs gur farsuinn an rathad, a tha gabhail gu sgrios, agus is lionor iad a tha dol a stigh air.
Explore N. Matu 7:13
7
N. Matu 7:11
Ma ʼs aithne dhuibhse ma ta, a tha olc, dea-thiodhlaicean a thoirt dha ʼr cloinn: nach mor nas mua na sin a bheir ur n-Athair, a tha air neamh, nichean matha dhaibhse a dhʼiarras iad air?
Explore N. Matu 7:11
8
N. Matu 7:1-2
Na tugaibh breth, ʼs cha toirear breth oirbh. Oir a reir na breth a bheir sibh, bheirear breth oirbh: ʼsa reir an tomhais leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh air ais.
Explore N. Matu 7:1-2
9
N. Matu 7:26
Agus gach aon a chluinneas iad so mo bhriathran-sa, ʼs nach dian iad, tha e coltach ri duine gorach, a thog a thigh air a ghainmhich
Explore N. Matu 7:26
10
N. Matu 7:3-4
Agus car-son a tha thu faicinn a chaimein an suil do bhrathar, ʼs nach leir dhut an t-sail na dʼshuil fhein? No ciamar a their thu ri do bhrathair: Leig dhomh an caimein a thoirt á do shuil: us, seall, tha sail na dʼshuil fhein?
Explore N. Matu 7:3-4
11
N. Matu 7:15-16
Bithibh air ur faicill roi fhaidhean-breige, a thig gu ʼr n-ionnsuidh an eideadh chaorach, ach air an taobh-stigh is madaidhean-alluidh riabach iad. Air an toradh aithnidh sibh iad. An tionailear dearcan-fiona dheʼn droighionn, no figisean dhe na drisean?
Explore N. Matu 7:15-16
12
N. Matu 7:17
Mar sin bheir a h-uile deagh chraobh a mach deagh mheas: ach bheir droch chraobh a mach droch mheas.
Explore N. Matu 7:17
13
N. Matu 7:18
Cha n-urrainn deagh chraobh droch mheas a thoirt a mach: cha mhua ʼs urrainn droch chraobh deagh mheas a thoirt a mach.
Explore N. Matu 7:18
14
N. Matu 7:19
A h-uile craobh nach toir a mach deagh mheas, gearrar sios i, agus tilgear san teine i.
Explore N. Matu 7:19
Home
Bible
Plans
Videos