1
Mata 7:7
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
“Iarraibh agus thèid a thoirt dhuibh; siribh agus lorgaidh sibh; gnogaibh agus thèid fhosgladh dhuibh.
Compare
Explore Mata 7:7
2
Mata 7:8
Oir tha a h‑uile neach a tha ag iarraidh a' faighinn, agus tha an neach a tha a' sireadh a' lorg, agus dhan neach a ghnogas thèid fhosgladh.
Explore Mata 7:8
3
Mata 7:24
“Mar sin a h‑uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus a nì iad, bidh e coltach ri duine glic a thog a thaigh air a' chreig.
Explore Mata 7:24
4
Mata 7:12
Mar sin, a h‑uile rud a bu toigh leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh‑se dhaibhsan cuideachd, oir is e seo an Lagh is na Fàidhean.
Explore Mata 7:12
5
Mata 7:14
Oir is cumhang an geata agus is caol an t‑slighe a tha a' treòrachadh gu beatha agus is gann iadsan a tha ga lorg.
Explore Mata 7:14
6
Mata 7:13
“Rachaibh a‑steach tron gheata chumhang. Oir is farsaing an geata agus is leathann an t‑slighe a tha a' treòrachadh gu sgrios, agus tha mòran ann a tha a' dol a‑steach troimhe.
Explore Mata 7:13
7
Mata 7:11
Mar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc ciamar a bheir sibh tiodhlacan matha dhur cloinn, nach motha na sin a bheir ur n‑Athair a th' air nèamh rudan matha dhaibhsan a dh'iarras air?
Explore Mata 7:11
8
Mata 7:1-2
“Na toiribh breith, airson 's nach tèid breith a thoirt oirbh. Oir leis a' bhreith leis an toir sibh breith, thèid breith a thoirt oirbh, agus leis an tomhas a chleachdas sibh, thèid a thomhas dhuibh.
Explore Mata 7:1-2
9
Mata 7:26
Agus a h‑uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus nach dèan iad, bidh e coltach ri duine amaideach a thog a thaigh air a' ghainmhich.
Explore Mata 7:26
10
Mata 7:3-4
“Carson a tha thu a' faicinn na speilg a tha ann an sùil do bhràthar, ach nach eil thu a' mothachadh dhan t‑sail a tha nad shùil fhèin? No ciamar as urrainn dhut a ràdh rid bhràthair, ‘Leig leam an spealg a spìonadh às do shùil,’ nuair a tha an t‑sail na do shùil fhèin?
Explore Mata 7:3-4
11
Mata 7:15-16
“Thoiribh an aire dha na fàidhean brèige, a thig thugaibh ann an aodach chaorach ach air an taobh a‑staigh a tha nam madaidhean‑allaidh le acras mòr orra. Air an toradh aithnichidh sibh iad. 'S cinnteach nach eil dearcan‑fìona air an cruinneachadh o dhroigheann, no fìgean o chluarain?
Explore Mata 7:15-16
12
Mata 7:17
Mar sin bheir a h‑uile craobh mhath a‑mach toradh math, ach bheir an droch chraobh a‑mach droch thoradh.
Explore Mata 7:17
13
Mata 7:18
Chan urrainn do chraoibh mhath droch thoradh a thoirt a‑mach; cha mhotha as urrainn do dhroch chraoibh toradh math a thoirt a‑mach.
Explore Mata 7:18
14
Mata 7:19
Gach craobh nach toir a‑mach toradh math, thèid a gearradh sìos agus thèid a tilgeil dhan teine.
Explore Mata 7:19
Home
Bible
Plans
Videos