I. Esdras 5

5
CAIB. V.
1An déigh so roghnaicheadh prìomh dhaoine nan teaghlach a réir an treubhan, gu dol suas le ʼm mnathaibh agus le ʼm macaibh agus le ʼn nigheannaibh, le ʼn seirbhisich, agus le ʼm ban‑sheirbhisich, agus le ʼn spréidh.
2Agus chuir Darius maille riù mìle marc‑shluagh, gus an tug iad air an ais iad gu tèaruinte gu Ierusalem, agus le h‑innealaibh‑ciùil, le tiompanaibh, agus le pìobaibh.
3Agus chluich am bràithrean uile, agus thug e orra dol suas cuideachd maille riù.
4Agus ʼsiad so ainmean nan daoine a chaidh suas a réir an teaghlaichean, am measg nan treubh aca, an déigh nan ceann aca fa leth.
5Na sagarta, mic Phineeis mhic Aaroin: Iesus mac Iosedeic, mac Sharaiais, agus Ioacim mac Shorobabeil, mac Shalatieil do thigh Dhaibhidh, a mach á cinneach Phareis, do threubh Iudaih.
6A labhair briathra glice, a ʼm fianuis Dhariuis rìgh Phersia, ʼsan dara bliadhna dʼ a rìoghachadh, ʼsa mhìosa Nisan, is e aʼ cheud mhìos.
7Agus is iad so iadsan á Iudea, a thàinig a nìos o ʼn bhràighdeanas, far an do chòmhnuich iad mar choigrich, iadsan a ghiùlan Nabuchodonosor rìgh Bhabiloin air falbh do Bhabilon:
8Agus phill iad do Ierusalem, agus do chrìochaibh eile ann an Iudea, gach duine chum a bhaile fein, a thàinig maille ri Sorobabel, ri Iesus, Nehemias, agus Sacharias, agus Reesaias, Enenius, Mardocheus, Beelsarus, Aspharasus, Reelius, Roimus, agus Baana, na h‑iùil aca.
9Be ʼn àireamh aca mar chinneach, agus na h‑uachdarain aca, mic Phorois, dà mhìle ochd fichead agus a dhà dheug: mic Shaphait, ceithir cheud trì fichead agus dhà dheug:—
10Mic Areis, seachd ceud dà fhichead agus séa‑deug:
11Mic Phaath‑Mhoaib, dà mhìle ochd ceud agus a dhà‑dheug:
12Mic Elaim, mìle dà cheud dà fhichead agus ceithir deug: Mic Shathui, naoi ceud dà fhichead agus cùig: mic Cherbe, seachd ceud agus cùig: mic Bhani, seachd ceud dà fhichead agus ochd:
13Mic Bhebai, sèa ceud agus trì thar fhichead; mic Shadais, trì mìle dà cheud agus dhà thar fhichead:
14Mic Adonicaim, sèa ceud trì fichead agus seachd: mic Bhagoi, dà mhìle trì fichead agus sèa: mic Adin, ceithir cheud dà fhichead agus ceithir deug:
15Mic Ateresiais, ceithir fichead agus dhà dheug: mic Cheilain agus Asetais, trì fichead agus seachd: mic Asurain, ceithir cheud agus a dhà dheug thar fhichead:
16Mic Ananiais, cùig fichead agus a h‑aon: mic Aroim, dhà dheug thar fhichead: mic Bhassa, trì cheud agus trì thar fhichead: mic Asephurit cùig fichead agus dhà:
17Mic Mheteruis, trì mìle agus cùig: mic Bhetlomoin, sèa fichead agus trì:
18Iadsan o Netophah, dà fhichead agus cùig deug: iadsan o Anathoth, ceud dà fhichead agus ochd deug: iadsan o Bhetsainos, dà fhichead agus dhà:
19Iadsan o Ciriatiarius, cùig thar fhichead: iadsan o Chaphira agus Bheerot, seachd ceud dà fhichead agus trì: iadsan o Phira, seachd ceud:
20Iadsan o Chadias agus Ammidoi, ceithir cheud agus dhà thar fhichead: iadsan o Chirama agus Ghabdes, sèa ceud agus aon thar fhichead:
21Iadsan o Mhacalon, ceud agus dhà thar fhichead: iadsan o Bhetolius, dà fhichead agus a dhà dheug: mic Nephis, ceud dà fhichead agus sèa deug:
22Mic Chalamolaluis agus Onuis, seachd ceud agus cùig thar fhichead: mic Ierechuis, dà cheud dà fhichead agus cùig:
23Mic Annaais, trì mìle trì cheud agus deich thar fhichead:
24Na sagartan: mic Ieddu mhic Iesuis, am measg mhac Shanasib, naoi ceud trì fichead agus dhà dheug:
25Mic Phassaroin, mìle dà fhichead agus seachd; mic Charme, mìle agus seachd deug:
26Na Lebhithich: mic Iessue, agus Chadmieil; agus Bhanuais, agus Shudiais, trì fichead agus ceithir deug:
27An luchd‑seinn naomha: mic Asaiph, sèa fichead agus ochd:
28Na dorsairean; mic Shaluim, mic Iatail, mic Thalmoin, mic Dhacobi, mic Theta, mic Shami, gu léir sèa fichead agus naoi deug:
29Seirbhisich an teampuill: mic Esau, mic Asipha, mic Thabaoit, mic Cherais, mic Shuid, mic Phaleuis, mic Labana, mic Ghraba,
30Mic Acua, mic Uta, mic Chetaib, mic Agaba, mic Shubai, mic Anain, mic Chatua, mic Ghedduir,
31Mic Airuis, mic Dhaisain, mic Noeba, mic Chaseba, mic Ghasera, mic Asiaih, mic Phineeis, mic Asara, mic Bhastai, mic Asana, mic Mheani, mic Naphisi, mic Acuib, mic Asipha, mic Assuir, mic Pharacim, mic Bhasaloit,
32Mic Mheeda, mic Chouta, mic Charea, mic Charcuis, mic Asereir, mic Thomoi, mic Nasit, mic Atipha,
33Mic sheirbhiseach Sholaimh: mic Asaphioin, mic Pharira, mic Ieeli, mic Losoin, mic Isdaeil, mic Shaphet,
34Mic Hagia, mic Phacaret, mic Shabi, mic Sharotie, mic Mhasiais, mic Ghair, mic Adduis, mic Shuba, mic Apherra, mic Bharodis, mic Shabait, mic Alloim.
35Uile mhinisteirean an teampuill, agus mic sheirbhiseach Sholaimh, trì cheud trì fichead agus dhà dheug.
36Thàinig iad sin a nìos o Thermelet, agus Thelersas, Charaatalar ʼgan stiùireadh, agus Aalar;
37Ni mò am bʼ urrainn iad na teaghlaichean aca a nochdadh, no ʼn seilbh aca, ciamar a bhuineadh iad do Israel: mic Ladain, mic Bhain, mic Necodain, sèa ceud dà fhichead agus dhà dheug.
38Agus do na sagartaibh, a rinn gréim air dreuchd na sagartachd, agus nach dʼ fhuaradh: mic Obdia, mic Accois, mic Adduis, a phòs Augia, aon do nigheanaibh Bherseluis, agus dhʼ ainmicheadh an déigh ainm‑san.
39Agus an uair a dhʼ iarradh cùnntas cinnich nan daoine sin ʼsa chlàr‑cuimhne, agus nach dʼ fhuaradh e, bha iad air an toirt o bhi ʼcur dreuchd na sagartachd an gnìomh:
40Oir riù‑san thubhairt Nehemias agus Atharias, nach biodh co‑roinn aca do na nithibh naomha, gus an éireadh àrd‑shagart suas air a sgeudachadh le creidimh agus le fìrinn.
41Mar an ceudna a thaobh Israeil, dhiubh‑san o dhà bhliadhna dheug a dhʼ aois agus os a cheann, bha iad uile ann an àireamh dà fhichead mìle, a thuilleadh air òglaich agus air ban‑òglaich dà mhìle trì cheud agus trì fichead.
42Bha na h‑òglaich agus na ban‑òglaich aca, nan seachd mìle trì cheud dà fhichead agus seachd: bha na feara agus na mnathan‑seinn dà cheud dà fhichead agus cùig:
43Ceithir cheud agus cùig deug thar fhichead càmhal, seachd mìle agus sèa deug thar fhichead each, dà cheud dà fhichead agus cùig muileid, cùig mìle cùig ceud agus cùig thar fhichead beathach cleachdta ʼsa chuing.
44Agus bhòidich ceannardan àraidh do no teaghlaichibh aca, an uair a thàinig iad gu teampull an Tighearna a ta ann an Ierusalem, an tigh a thogail a rìs ʼna àite fein, a réir an comais,
45Agus mìle punnd òir, cùig mìle airgid, agus ceud trusgan a bhuineadh do ʼn t‑sagartachd, a thabhairt a stigh do naomh‑ionmhas nan oibre.
46Agus mar so chòmhnuich na sagartan, agus na Lebhithich, agus an sluagh ann an Ierusalem, agus air an dùthaich; an luchd‑seinn, mar an ceudna, agus na dorsairean, agus Israel uile ʼnam bailtibh.
47Ach an uair a bha an seachdamh mìos am fagus, agus an uair a bha gach duine de chloinn Israeil ʼna àite fein, thàinig iad gu léir cuideachd a dhʼ aon inntinn, chum an àite fhosgailte aig aʼ cheud geata a ta air an taobh an ear.
48An sin sheas Iesus mac Iosedeic suas, agus a bhràithrean na sagarta, agus Sorobabel mac Shalatieil, agus a bhràithrean, agus dhʼ ullaich iad altair Dhé Israeil,
49A thairgseadh ìobairt‑loisgte air, a réir mar a ta e gu sònraichte air àithneadh ann an leabhar Mhaois an duine le Dia.
50Agus chruinnicheadh sluagh maille riù á cinneachaibh eile na tìre, agus thog iad an altair ʼna h‑àite fein, do bhrìgh gun robh uile chinneacha na tìre ann an nàimhdeas riutha, agus ʼgan sàruchadh; agus thug iad suas ìobairtean a réir na h‑ùine, agus tabhartais‑loisgte an dà chuid ʼsa mhaduinn agus ʼsan fheasgair,
51Chùm iad mar an ceudna féill nam pailliuin, mar a dhʼ àithn an lagh, agus thairg iad ìobairte gach là, mar a bha e freagarrach;
52Agus an déigh sin, na h‑ìobairtean gnàthaichte, agus ìobairt na Sàbaid, agus nan gealach ùra, agus nan uile naomh‑fhéill.
53Agus iadsan uile a rinn bòid sam bith do Dhia, thòisich iad air ìobairtean a thoirt do Dhia o ʼn cheud là do ʼn t‑seachdamh mìos, ged nach robh teampull an Tighearna fathast air a thogail.
54Agus thug iad do na clachairibh agus do na saoraibh, le deagh‑ghean, airgiod, biadh, agus deoch.
55Thug iad carbadan dhoibh‑san á Sidon agus á Tìrus mar an ceudna, chum gun tugadh iad craobhan seudair á Libanus, bu chòir a bhi air an toirt air ràthaibh chum caladh Ioppe, a rèir mar o dhʼ àithneadh dhoibh le Cìrus rìgh nam Persach.
56Agus anns an dara bliadhna agus an dara mìos an déigh dha teachd chum teampuill Dé ann Ierusalem, thòisich Sorobabel mac Shalatieil, agus Iesus mac Iosedeic, agus am bràithrean, agus na sagartan, agus na Lebhithich, agus iadsan uile a thàinig gu Ierusalem as aʼ bhràighdeanas;
57Agus leag iad bunait tighe Dhé air aʼ cheud là do ʼn dara mìos, anns an dara bliadhna an déigh dhoibh teachd gu Iudea agus Ierusalem.
58Agus shònraich iad na Lebhithich, o fhichead bliadhnʼ a dhʼ aois, gu bhi thairis air oibribh an Tighearna. An sin sheas Iesus suas, agus a chuid mhac agus a bhràithrean, agus Cadmiel a bhràthair, agus mic Mhadiabuin, maille ri macaibh Ioda mhic Eliaduin, le ʼn cuid mhac agus bhràithrean, gu léir ʼnan Lebhithich, a dhʼ aon inntinn chum an gnothuch a chur air aghaidh, aʼ deanamh gach dìchill a ghiùlan air an adhairt oibre tighe Dhé. Mar so thog an luchd‑oibre teampull an Tighearna.
59Agus sheas na sagartan air an sgeudachadh ʼnan trusgannaibh le h‑innealaibh‑ciùil agus le trompaidibh: agus bha ciombail aig na Lebhithich mic Asaiph,
60Aʼ seinn òran buidheachais, agus aʼ moladh an Tighearna, mar a dhʼ àithn Daibhidh rìgh Israeil.
61Agus sheinn iad, le guthannaibh àrda òrain chum cliù an Tighearna, do bhrìgh gu ʼm bheil a thròcair agus a ghlòir an còmhnuidh ann an Israel uile.
62Agus sheinn an sluagh uile trompaidean, agus rinn iad iolach le guth àrd, aʼ seinn òran buidheachais do ʼn Tighearna, air son tighe an Tighearna a bhi air a thogail suas.
63Thàinig mar an ceudna na sagartan agus na Lebhithich, agus prìomh‑dhaoine an teaghlaichean, na seanairean a chunnaic aʼ cheud tigh, chum togail an tighe so le gul agus mòr chaoidh.
64Ach rinn mòran iolach le guth àrd, le trompaidibh agus le h‑aoibhneas,
65Ionnas ʼs nach cluinnteadh na trompaidean le caoineadh an t‑sluaigh: gidheadh sheinn am mòr‑shluagh gu h‑iongantach, air chor is gun cualas e am fad as.
66Uime sin an uair a chual nàimhdean tréibh Iudaih agus Bheniamin e, thàinig iad a dhʼ fhiosrachadh ciod bu chiall do dhʼ fhuaim nan trompaid.
67Agus thug iad fanear gun do thog iadsan a bha do ʼn bhràighdeanas teampull do Thighearna Dia Israeil.
68Uime sin chaidh iad dhʼ ionnsuidh Shorobabeil agus Iesuis, agus dhʼ ionnsuidh phrìomh‑dhaoine an teaghlaichean, agus thubhairt iad riù, Togaidh sinne maille ribhse:
69Oir tha sinne mar an ceudna, mar sibh fein, aʼ toirt géill do bhur Tighearna, agus aʼ toirt suas ìobairt dha o làithibh Asbasaret rìgh nan Assiriach, a thug chum so sinn.
70An sin thubhairt Sorobabel, agus Iesus, agus prìomh‑dhaoine theaghlaichean Israeil riutha, Cha bhuin e dhuinne agus dhuibhse maraon tigh a thogail do ʼn Tighearna ar Dia.
71Togaidh sinn leinn fein do Thighearna Israeil, a réir mar a dhʼ àithn Cìrus rìgh nam Persach dhuinn.
72Ach bhac cinneach na tìre iad o thogail, air doibh a bhi ʼnan trom‑uallaich air muinntir Iudea, agus ʼgan teannachadh;
73Agus le ʼn cuilbheartaibh uaigneach, agus le ʼn comhairlibh agus le ʼm buaireasaibh earailteach, chùm iad air ais an aitreabh o bhi air a crìochnachadh rè uile làithean Chìruis an rìgh: mar so bhacadh iad on togail rè dhà bhliadhna, gus an do thòisich Darius air rìoghachadh.

Marker

Del

Kopier

None

Vil du ha høydepunktene lagret på alle enhetene dine? Registrer deg eller logg på