YouVersion लोगो
सर्च आयकॉन

Mata 16

16
An t‑Iarrtas airson Comharra
1Agus thàinig na Pharasaich agus na Sadusaich, agus airson Ìosa a dhearbhadh, dh'iarr iad comharra o nèamh air.
2Ach fhreagair esan, “Nuair a tha am feasgar ann, canaidh sibh, ‘Bidh deagh aimsir ann, oir tha an t‑adhar dearg,’ 3agus anns a' mhadainn, ‘Bidh stoirm ann an‑diugh, oir tha an t‑adhar dearg is dorcha.’ Is aithne dhuibh ciamar a dh'eadar‑mhìnicheas sibh coltas an adhair, ach chan urrainn dhuibh comharraidhean nan amannan eadar‑mhìneachadh.#16:2b‑3 A bharrachd air an abairt “Ach fhreagair esan” chan eil na faclan seo anns na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe. 4Tha ginealach olc agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, ach cha tèid comharra a thoirt dha, ach comharra Iònah.” Agus dh'fhàg e iad, agus chaidh e air falbh.
Taois Ghoirt nam Pharasach is nan Sadusach
5Ach nuair a ràinig na deisciobail an taobh eile, bha iad air dìochuimhneachadh aran a thoirt leotha. 6Thuirt Ìosa riutha, “Thoiribh an aire, agus bithibh faiceallach mu thaois ghoirt nam Pharasach agus nan Sadusach.”
7Agus thòisich iad air deasbad, ag ràdh, “Tha seo a chionn 's nach tug sinn aran leinn.”
8Agus a' tuigsinn seo, thuirt Ìosa, “Carson a tha sibh a' deasbad nur measg fhèin nach eil aran agaibh, sibhse air bheag creideimh? 9An e nach eil sibh fhathast a' toirt fa‑near? An e nach eil sibh a' cuimhneachadh nan còig lofaichean airson nan còig mìle, agus cia mheud basgaid a chruinnich sibh? 10No na seachd lofaichean airson nan ceithir mìle, agus cia mheud basgaid a chruinnich sibh? 11Ciamar nach eil sibh a' tuigsinn nach ann mu aran a bha mi a' bruidhinn? Bithibh faiceallach mu thaois ghoirt nam Pharasach agus nan Sadusach.” 12An uair sin thuig iad nach do dh'iarr e orra a bhith faiceallach mu thaois ghoirt an arain, ach mu theagasg nam Pharasach agus nan Sadusach.
Aidmheil Pheadair de Chrìosd
13A‑nis nuair a thàinig Ìosa a‑steach do cheàrnaidh Chesarèa Philipi, dh'fhaighnich e dha dheisciobail, “Cò a tha daoine ag ràdh a th' ann am Mac an Duine?”
14Agus thuirt iad, “Tha cuid ag ràdh Eòin Baistidh, cuid eile Eliah, agus cuid eile Ieremiah, no aon dhe na fàidhean.”
15Thuirt esan riutha, “Ach cò a tha sibhse ag ràdh a th' annam?”
16Fhreagair Sìmon Peadar, “Is tusa an Crìosd, Mac an Dè bheò.”
17Agus fhreagair Ìosa esan, “Is beannaichte thusa, a Shìmoin Bhar‑Iònah, oir cha do dh'fhoillsich feòil is fuil seo dhutsa ach m' Athair‑sa a th' air nèamh. 18Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a' chreig seo togaidh mise m' eaglais, agus cha toir geatachan Ifrinn buaidh oirre. 19Bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh; agus ge b' e dè a cheanglas tusa air thalamh, bidh e ceangailte air nèamh, agus ge b' e dè a dh'fhuasglas tusa air thalamh, bidh e fuasgailte air nèamh.” 20An uair sin dh'àithn e dha dheisciobail nach innseadh iad do neach sam bith gum b' esan an Crìosd.
Ìosa ag Innse Ro‑Làimh ma Bhàs Fhèin
21On àm sin thòisich Ìosa air sealltainn dha dheisciobail gum feumadh esan a dhol gu Ierusalem agus mòran rudan fhulang o na h‑èildearan, o na h‑àrd‑shagartan is o na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air an treas latha a bhith air a thogail suas.
22Agus thug Peadar gu aon taobh e is thòisich e ga chronachadh, ag ràdh, “Gun deigheadh tròcair a dhèanamh ort, a Thighearna! Cha tachair sin gu bràth dhutsa!” 23Ach thionndaidh e is thuirt e ri Peadar, “Thalla gu mo chùlaibh, a Shàtain! Tha thu nad cheap‑tuislidh dhomh. Oir chan eil thu a' smaoineachadh mu rudan Dhè, ach mu rudan dhaoine.”
24An uair sin thuirt Ìosa ri dheisciobail, “Mas e toil neach sam bith tighinn às mo dhèidh‑sa, àicheadh e e fhèin, is togadh e suas a chrann‑ceusaidh agus leanadh e mise. 25Oir ge b' e cò leis am bu toigh l' a bheatha a shàbhaladh, caillidh e i, ach ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa, lorgaidh e i. 26Oir dè a' bhuannachd a th' ann do dhuine, ma chosnas e an saoghal gu lèir ach gun caill e a bheatha? No dè a bheir duine seachad an àite a bheatha? 27Oir tha Mac an Duine a' dol a thighinn ann an glòir Athar, le na h‑ainglean aige, agus an uair sin bheir e air ais do gach neach a rèir na rinn e. 28Tha mise ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil cuid dhiubhsan nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad Mac an Duine a' tighinn na rìoghachd fhèin.”

सध्या निवडलेले:

Mata 16: ATN

ठळक

सामायिक करा

कॉपी करा

None

तुमचे हायलाइट तुमच्या सर्व डिव्हाइसेसवर सेव्ह करायचे आहेत? साइन अप किंवा साइन इन