1
Mata 18:20
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Oir far a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh nam ainm‑sa, an sin tha mise nam measg.”
तुलना करा
एक्सप्लोर करा Mata 18:20
2
Mata 18:19
“A‑rithist tha mi ag ràdh ribh, ma dh'aontaicheas dithis agaibh air thalamh mun a h‑uile rud a dh'iarras iad, thèid a dhèanamh dhaibh lem Athair‑sa a th' air nèamh.
एक्सप्लोर करा Mata 18:19
3
Mata 18:2-3
Agus a' gairm leanaibh thuige, chuir e nam meadhan e, agus thuirt e, “Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, mura tionndaidh sibh, agus mura fàs sibh coltach ri leanabanan, cha tèid sibh idir a‑steach do rìoghachd nèimh.
एक्सप्लोर करा Mata 18:2-3
4
Mata 18:4
Mar sin, ge b' e a dh'ìslicheas e fhèin mar an leanaban seo, is e as motha ann an rìoghachd nèimh.
एक्सप्लोर करा Mata 18:4
5
Mata 18:5
Agus ge b' e a ghabhas aon leanabh dhen leithid seo nam ainm‑sa, gabhaidh e mise.
एक्सप्लोर करा Mata 18:5
6
Mata 18:18
“Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, ge b' e na rudan a cheanglas sibhse air thalamh, bidh iad ceangailte air nèamh; agus ge b' e na rudan a dh'fhuaisgleas sibhse air thalamh, bidh iad fuasgailte air nèamh.
एक्सप्लोर करा Mata 18:18
7
Mata 18:35
“Agus mar sin cuideachd nì m' Athair nèamhaidh ri gach aon agaibhse, mura math sibh ur bràthair o ur cridheachan.”
एक्सप्लोर करा Mata 18:35
8
Mata 18:6
“Ach ge b' e cò a dh'adhbhraicheas do dh'aon dhen mhuinntir bhig seo a tha a' creidsinn annamsa gum peacaich iad, b' fheàrr dha gum biodh clach‑mhuilinn mhòr air a ceangal ma amhaich, agus gum biodh e air a bhàthadh ann an doimhne na fairge.
एक्सप्लोर करा Mata 18:6
9
Mata 18:12
“Dè ur barail‑sa? Ma tha ceud caora aig duine, agus gu bheil aon dhiubh air a dhol air seachran, nach fàg e na naochad 's a naoi air na beanntan agus nach tèid e a lorg na tè a chaidh air seachran?
एक्सप्लोर करा Mata 18:12
मुख्य
बायबल
योजना
व्हिडिओ