1
Mata 15:18-19
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Ach na rudan a thig a‑mach às a' bheul, tha iad a' tighinn on chridhe, agus is iad sin a nì an duine neòghlan. Oir às a chridhe thig smuaintean olca, murt, adhaltranas, strìopachas, goid, fianais bhrèige, cùl‑chàineadh.
तुलना करा
एक्सप्लोर करा Mata 15:18-19
2
Mata 15:11
Chan e na thèid a‑steach dhan bheul a nì an duine neòghlan, ach na thig a‑mach às a bheul, is e seo a nì an duine neòghlan.”
एक्सप्लोर करा Mata 15:11
3
Mata 15:8-9
‘Tha an sluagh seo a' toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridheachan fada uam. Is ann gu dìomhain a tha iad a' toirt adhraidh dhòmhsa, a' teagasg mar theagasg àithntean dhaoine.’”
एक्सप्लोर करा Mata 15:8-9
4
Mata 15:28
An uair sin fhreagair Ìosa i, “Ò, a bhoireannaich, is mòr do chreideamh! Biodh e air a dhèanamh dhut mar a tha thu a' miannachadh!” Agus chaidh an nighean a dhèanamh slàn on uair sin fhèin.
एक्सप्लोर करा Mata 15:28
5
Mata 15:25-27
Ach thàinig ise agus thilg i i fhèin sìos ma choinneamh, ag ràdh, “A Thighearna, cuidich leam!” Agus fhreagair esan, “Chan eil e ceart aran na cloinne a ghabhail agus a thilgeil chun nan con.” Thuirt ise, “Seadh, a Thighearna, ach ithidh fiù 's na coin dhen sprùilleach a thuiteas o bhòrd am maighstirean.”
एक्सप्लोर करा Mata 15:25-27
मुख्य
बायबल
योजना
व्हिडिओ