1
N. Matu 13:23
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
Ach esan a chuireadh air talamh math, se so esan a chluinneas am facal, ʼsa thuigeas e, ʼsa bheir a mach toradh, cuid gu dearbh ciad fìllte, cuid tri fichead, agus cuid deich thar fhichead
Kokisana
Luka N. Matu 13:23
2
N. Matu 13:22
Esan mar an ciadna a chuireadh am measg dhrisean, se so esan a chluinneas am facal; ach tha ro-churam an t-saoghail so agus mealltaireachd beartais a tachdadh an fhacail, ʼs ga fhagail gun toradh.
Luka N. Matu 13:22
3
N. Matu 13:19
Gach neach a dhʼeisdeas ri facal na rioghachd gun a thuigsinn, thig an droch-fhear agus sgobaidh e air falbh an ni a chuireadh ʼna chridhe: se so esan a chaidh a chur ri oir an rathaid.
Luka N. Matu 13:19
4
N. Matu 13:20-21
Ach esan a chuireadh air talamh creagach, se so esan a chluinneas am facal, ʼsa ghlacas e san uair le aoibhneas: Ach cha n-eil friamh aige ann fhein ach car tamuill, oir nuair thig trioblaid agus geur-leanmhuinn air son an fhacail, air ball gabhaidh e sgainneal.
Luka N. Matu 13:20-21
5
N. Matu 13:44
Tha rioghachd fhlathanais coltach ri ulaidh air a falach ann an achadh: ʼs an duine, a fhuair i, dhʼfhalaich e i, ʼs le miad a shòlais dhʼ fhalbh e, agus reic e na bhʼ aige gu leir, agus cheannaich e an t-achadh sin.
Luka N. Matu 13:44
6
N. Matu 13:8
Agus thuit cuid eile air talamh math, us thug e mach toradh, cuid ciad fillte, cuid tri fichead, agus cuid deich thar fhichead.
Luka N. Matu 13:8
7
N. Matu 13:30
Leigibh leo le cheile fàs gu faghar, ʼs an àm an fhaghair their mi ris na buanaichean: Trusaibh an toiseach an cogull, agus ceanglaibh e ʼna sguaban gus a losgadh, ach tionailibh an cruithneachd gu mʼ shabhal.
Luka N. Matu 13:30
Ndako
Biblia
Bibongiseli
Bavideo