Sailm 4

4
1O thusa Dhia ud m’ionracais,
èisd rium tràth èigheam riut;
’S tu dh’fhuasgail orm ’s mi ann an teinn;
fòir orm, is èisd mo sgread.
2Mo ghlòir cia fhad, a chlann nan daoin’,
gu nàire chaochlas sibh,
A’ tabhairt gràidh do dhìomhanas,
is leanas breugan ribh?
3Biodh agaibh fios gun d’roghnaich Dia
dha fhèin an duine naomh;
Nuair dh’èigheas mi, bheir e gu beachd
sàr-èisdeachd do mo ghlaodh.
4Biodh eagal oirbh ’s na dèanaibh lochd:
labhraibh ri ur cridh’ fhèin,
Gu h-uaigneach air ur leapaichibh
bibh tosdach mar an ceudn’.
5Deagh ìobairt thaitneach thugaibh uaibh,
don ionracas a-ghnàth;
’S ur dòchas cuiribh ann an Dia,
ag earbsa as gach là.
6Nì math cò nochdas dhuinn a-nis?
tha mòran ac’ ag ràdh:
Ach dealradh glan do ghnùise, Dhè,
tog oirnne suas a-ghnàth.
7’S mò chuir thu dh’aoibhneas ann am chridh’
na ’n uair as lìonmhoir’ coirc,
No, aca siud, as saoibhre fìon
a’ cinneachdainn gun airc.
8An sìth-shàimh laighidh mi faraon,
is caidlidh mi le suain:
Oir ’s tusa mhàin bheir dhomh, a Dhè,
fo dhìdean, còmhnaidh bhuan.

Chwazi Kounye ya:

Sailm 4: SD1826

Pati Souliye

Pataje

Kopye

None

Ou vle gen souliye ou yo sere sou tout aparèy ou yo? Enskri oswa konekte