N. Matu 8
8
VIII. CAIB.
Leigheasan lionor Iosa, ʼs a mhiarailtean.
1Agus nuair a theirinn e bhoʼn bheinn, lean moran sluaigh e.
2Us, seall, thainig lobhar, agus thug e aoradh dha, a g-radh: A Thighearna ma ʼs aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh.
3Agus a sineadh a laimh bhean Iosa dha, a g-radh: Is aill: bi air do ghlanadh. Agus air ball bhaʼn luibhre air a glanadh.
4Us thuirt Iosa ris: Fiach nach innis thu do neach air bith: ach falbh, us nochd thu fhein doʼn t-sagart, agus tairg an tobhartas a dhʼorduich Maois mar theisteanas dhaibh.
5Agus nuair chaidh e stigh do Chapharnaum, thainig ceannard-ciad ga ionnsuidh a griosad air,
6ʼSa g-radh: A Thighearna, tha mo ghille ʼna laidhe san tigh leis an tinneas-chritheach, ʼs air a phianadh gu h-olc.
7Us thuirt Iosa ris: Ruigidh mise, agus leighisidh mi e.
8Agus an ceannard-ciad a freagairt, thuirt e ris: A Thighearna, cha n-airidh mise, gun tigeadh tu stigh fo mʼfhardaich, ach abair am facal a mhain, agus bithidh mo ghille air a leigheas.
9Oir is duine fo uachdranachd mi fhein, aig a bheil saighdearan fodham, us their mi ris an fhear so: Falbh, agus falbhaidh e; ʼs ri fear eile: Thig, agus thig e; agus ri mo sheirbhiseach: Dian so, ʼs ni e e.
10Agus Iosa cluinntinn so, ghabh e iongantas, agus thuirt e ris an fheadhainn a bha ga leanailt: Gu fior tha mi g-radh ribh: cha dʼfhuair mi creideamh cho mor ann an Israel.
11Agus tha mise cantuinn ribh, gun tig moran as an aird-an-ear, agus as an aird-an-iar, ʼs gun suidh iad maille ri Abraham, ʼs ri Isaac, ʼs ri Iacob an rioghachd fhlathanais:
12Ach gun tilgear a mach clann na rioghachd gu dorchadas iomallach; an sin bithidh gal agus giosgan fhiacal.
13Us thuirt Iosa ris a cheannard-chiad: Falbh, ʼs biodh e dhut a reir do chreidimh. Agus bha an gille air a leigheas sa cheart uair.
14Agus nuair rainig Iosa tigh Pheadair, chunnaic e a mhathair-cheile ʼna laidhe, ʼs i ann an teasaich;
15Agus bhean e dha ʼlaimh, us dhʼfhag an teasach i, us dhʼeirich i, agus fhritheil i dhaibh.
16Agus nuair thainig am feasgar, thug iad ga ionnsuidh moran anns an robh deomhain; us thilg e mach na spioraid le fhacal, agus leighis e iadsan uile a bha tinn:
17Gus an coimhlionteadh na labhair am faidh Isaias, a g-radh: Ghabh e air fhein ar laigsean, agus ghiulain e ar n-easlaintean.
18Us Iosa faicinn moran sluaigh mun cuairt da, dhʼ orduich e dhaibh dol thar a chaolas.
19Agus sgriobhach àraidh a tighinn ga ionnsuidh, thuirt e ris: A mhaighistir, leanaidh mi thu, ge bʼe aite an teid thu.
20Agus thuirt Iosa ris: Tha saobhaidhean aig na sionnaich, us nid aig eoin an athair, ach cha n-eil aite aig Mac an duine far an leag e cheann.
21Us thuirt fear eile dhe dhiesciopuil ris: A Thighearna, leig dhomh falbh an toiseach, us mʼathair a thiodhlaiceadh.
22Ach thuirt Iosa ris: Lean mise; us leig leis na mairbh am mairbh fhein a thiodhlaiceadh.
23ʼSa dol air bord saghaich, lean a dheisciopuil e.
24Agus, seall, dhʼeirich stoirm mhor air an fhairge, ionnus gun robh na tuinn a tighinn thairis air an eathar, ach bha esan ʼna chadal.
25Us thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, agus dhuisg iad e, a g-radh: A Thighearna, sabhail sinn, tha sinn a dol a dhith.
26Agus thuirt Iosa riu: Car-son a tha eagal oirbh, sibhse air bheag creidimh? An sin dhʼeirich e, us smachdaich e na gaoithean agus a mhuir, us thainig fiath mor.
27Ach ghabh na daoine iongantas, a g-radh: Ciod e an seorsa duine tha ʼn so, chionn tha na gaoithean agus a mhuir umhailt dha?
28Us nuair a thainig e thar a chaolas gu tir nan Gerasenach, choinnich dithis e anns an robh deomhain, a tighinn a mach as na h-uaighean, ro-fhiadhaich, ionnus ʼs nach bʼurrainn duine air bith gabhail seachad an rathad sin.
29Us, seall, ghlaodh iad, a g-radh: Ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa, a Mhic Dhe? An tainig thu an so gus ar pianadh roi ʼn àm?
30Agus bha treud mhor mhuc teann orra a g-ionaltradh:
31Agus ghrios na deomhain air, a g-radh: Ma thilgeas tu mach á so sinn, cuir san treud mhuc sinn.
32Us thuirt e riu: Rachaibh. Agus air dol mach dhaibh, chaidh iad anns na mucan, us seall, ruith an treud ʼna deann le bruthach cas doʼn mhuir; agus bhàsaich iad sna h-uisgeachan.
33Us theich na buachaillean; ʼsa dol a stigh doʼn bhaile, dhʼinnis iad gach ni, ʼs mar a thachair dhaibhse anns an robh na deomhain.
34Agus, seall, chaidh am baile uile mach an coinneamh Iosa, ʼs nuair a chunnaic iad e, ghuidh iad air, e dhʼfhalbh as an criochan.
اکنون انتخاب شده:
N. Matu 8: MacETN
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017