N. Matu 22

22
XXII. CAIB.
Dubhfhacal cuilm na bainnse; Criosta g-orduchadh cis a thoirt do Chesar; a cur nan Sadusach ʼs nam Phairiseach ʼnan tosd; a fiachuinn ciod i chiad fhainte san lagh.
1Agus fhreagair Iosa, us labhair e riu rithist ann an dubhfhacail, a g-radh:
2Tha rioghachd fhlathanais coltach ri righ, a rinn banais dha mhac.
3Agus chuir e sheirbhisich a ghairm na feadhnach a fhuair cuireadh thun na bainnse, ʼs cha bʼaill leo tighinn.
4A rithist chuir e seirbhisich eile, a g-radh: Abraibh riusan a fhuair cuireadh: Seall, dheasaich mi mo dhinneir, tha mo dhaimh ʼs mo spreidh bhiadhte air am marbhadh, agus tha gach ni reidh; thigibh thun na bainnse.
5Ach chuir iadsan suarach a ghairm; us dhʼfhalbh iad, fear gu thuathanas, agus fear eile gu mharsantachd.
6Agus rug a chuid eile dhiu air a sheirbhisich, ʼs an deigh taire a thoirt daibh, mharbh iad iad.
7Ach nuair a chual an righ so, ghabh e fearg: ʼsa cur bhuaithe armailtean sgrios e na murtairean sin, agus loisg e am baile aca.
8An sin thuirt e ri sheirbhisich: Tha bhanais gu dearbh deas, ach cha bʼairidh iadsan, a bhʼ air an cuireadh.
9Rachaibh ma ta thun nan rathaidean mora, agus a mhiad ʼsa gheobh sibh, gairmibh iad thun na bainnse.
10Agus na seirbhisich a gabhail a mach gus na rathaidean mora, chruinnich iad a h-uile h-aon a fhuair iad, eadar olc us mhath, agus lionadh tigh-na-bainnse le aoidhean.
11Agus chaidh an righ a stigh a dhʼfhaicinn nan aoidhean, agus chunnaic e fear an sin air nach robh eideadh bainnse.
12Us thuirt e ris: A charaid, ciamar thainig thu stigh an so gun eideadh bainnse ort? Ach dhʼfhan esan ʼna thosd.
13An sin thuirt an righ ris an luchd-fhrithealaidh: Ceanglaibh a lamhan ʼs a chasan, agus tilgibh e an dorchadas iomallach: an sin bithidh gal agus giosgan fhiacal.
14Oir tha moran air an gairm, ach beagan air an taghadh.
15An sin dhʼfhalbh na Phairisich, us chuir iad an comhairle ri cheile, fiach an glacadh iad e ʼna bhriathran.
16Agus chuir iad ga ionnsuidh an deisciopuil fhein comhla ri luchd-leanmhuinn Heroid, a g-radh: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, ʼs gum beil thu teagasg slighe Dhe ann am firinn, ʼs nach eil eisimeil agad ri duine air bith; oir cha n-eil thu sealltuinn air pearsa dhaoine.
17Innis ma ta do bheachd dhuinn, am beil e ceadaichte cis a thoirt do Cheasar, no nach eil?
18Ach Iosa a tuigsinn am mi-ruin, thuirt e riu: Car-son a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean?
19Fiachaibh dhomh bonn na cìse. Agus dhʼfhiach iad dha sgilinn.
20Us thuirt Iosa riu: Co leis an iomhaigh agus an sgriobhadh mun cuairt di?
21Thuirt iad ris: Le Ceasar. An sin thuirt e riu: Thugaibh ma ta do Cheasar na bhuineas do Cheasar, agus do Dhia na bhuineas do Dhia.
22ʼSa cluinntinn so, ghabh iad iongantas, agus ga fhagail, shiubhail iad.
23Air an latha sin fhein thainig na Sadusaich, a tha cantuinn nach eil aiseirigh ann, ga ionnsuidh, agus dhʼ fhaighnich iad dheth,
24A g-radh: A Mhaighistir, thuirt Maois; Ma gheobh duine bàs gun chloinn aige, posadh a bhrathair a bhean aige, agus togadh e sliochd dha bhrathair.
25A nis bha seachdnar bhraithrean ʼnar measg-ne; agus chaochail a chiad fhear an deigh dha bean a phosadh; ʼs bho nach robh sliochd aige, dhʼfhag e a bhean dha bhrathair.
26Agus thachair an ni ciadna doʼn darna, ʼs doʼn treas fear, gu ruig an seachdamh fear.
27Agus mu dheireadh uile fhuair a bhean bàs cuideachd.
28Anns an aiseirigh ma ta co am fear deʼn t-seachdnar aig am bi i ʼna mnaoi? oir bha i na mnaoi aca uile.
29Ach Iosa a freagairt, thuirt e riu: Tha sibh am mearachd le cion eolais air na sgriobturan, ʼs air cumhachd Dhe.
30Oir anns an aiseirigh cha phos iad, cha mhua phosar iad: ach bithidh iad mar ainglean Dhe air neamh.
31Ach mu dheidhinn aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh mar thuirt Dia, ʼs e labhairt ribh:
32 Is mise Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iacoib? Cha n-e Dia nam marbh e, ach nam beo.
33Agus an sluagh a cluinntinn so, ghabh iad ioghnadh ri theagasg.
34Ach nuair a chuala na Phairisich gun do chuir e na Sadusaich ʼnan tosd, thionail iad ri cheile;
35Us dhʼfharraid fear dhiu, ollamh san lagh, dheth, ga bhuaireadh:
36A Mhaighistir, co i an fhainte is mua san lagh?
37Thuirt Iosa ris: Bheir thu gaol doʼn Tighearna do Dhia le tʼ uile chridhe, le tʼ uile anam, ʼs le tʼ uile inntinn.
38Si so an fhainte is mua agus a chiad fhainte.
39Agus tha ʼn darna fainte coltach rithe: Bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein.
40Ris an dà fhainte so tha an lagh uile agus na faidhean an crochadh.
41Agus nuair bha na Phairisich cruinn, dhʼfhaighnich Iosa dhiu,
42A g-radh: Ciod e ur barail-se mu Chriosta? Co dha is mac e? Thuirt iad: Do Dhài.
43Thuirt e riu: Ciamar ma seadh tha Dài san Spiorad a cantuinn a Thighearna ris, a g-radh:
44 Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna, suidh air mo laimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean ʼnan stol-chas dhut?
45Ma tha Dài ma ta cantuinn a Thighearna ris, ciamar a tha e ʼna mhac dha?
46ʼS cha bʼurrainn do dhuine facal freagairt a thoirt da: cha mhua a bha chridhe aig duine sa bith bhoʼn latha sin suas a cheasnachadh.

اکنون انتخاب شده:

N. Matu 22: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید