1
Mata 27:46
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Agus mu thrì uairean feasgar dh'èigh Ìosa le guth àrd, “Eli, Eli, lama sabachtani?” 'S e sin, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?”
Compare
Explore Mata 27:46
2
Mata 27:51-52
Agus seall, chaidh cùirtear an teampaill a shracadh na dhà phìos o mhullach gu bhonn, agus chaidh an talamh air chrith, agus chaidh na creagan a sgoilteadh. Chaidh na tuaman fhosgladh, agus chaidh mòran de chuirp nan naomh a bha nan cadal a thogail
Explore Mata 27:51-52
3
Mata 27:50
Agus dh'èigh Ìosa a‑mach a‑rithist le guth àrd, agus thug e suas an deò.
Explore Mata 27:50
4
Mata 27:54
Nuair a chunnaic an ceannard‑ceud is iadsan a bha còmhla ris, a bha a' cumail faire air Ìosa, a' chrith‑thalmhainn agus na thachair, ghabh iad oillt mhòr, agus thuirt iad, “Gu fìrinneach b' e an duine seo Mac Dhè!”
Explore Mata 27:54
5
Mata 27:45
A‑nis o mheadhan‑latha thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir, gu trì uairean feasgar.
Explore Mata 27:45
6
Mata 27:22-23
Thuirt Pìlat riutha, “Dè ma‑thà a nì mi le Ìosa, ris an canar Crìosd?” Thuirt iad uile ris, “Biodh e air a cheusadh!” Agus thuirt e, “Carson, dè an t‑olc a rinn e?” Ach dh'èigh iadsan na bu mhotha buileach, “Biodh e air a cheusadh!”
Explore Mata 27:22-23
Home
Bible
Plans
Videos