Lùcas 20

20
1 Dhearbh Crìosd gu robh ùghdarras aige, le ceist mu bhaisteadh Eòin. 9 Cosamhlachd an fhìon‐lios. 19 Mu thimcheall cìs a thoirt do Chèasar. 27 Dhearbh e mearachd nan Sadusach, a bha ag àicheadh aiseirigh nam marbh.
1Agus thàrladh air aon de na làithean sin#Mat 21:23, etc.; Marc 11:27, etc., nuair a bha e a’ teagasg a’ phobaill anns an teampall, agus a’ searmonachadh an t‑soisgeil, gun tàinig na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean air, maille ris na seanairean,
2Agus labhair iad ris, ag ràdh, Innis dhuinn ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? No cò esan a thug an t‑ùghdarras seo dhut?
3Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse; agus freagraibh mi:
4Baisteadh Eòin, an ann o nèamh a bha e, no o dhaoine?
5Agus reusonaich iad eatorra fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, o nèamh; their esan, Carson, matà, nach do chreid sibh e?
6Ach ma their sinn, O dhaoine, clachaidh an sluagh uile sinn; oir is deimhinn leo gum b’fhàidh Eòin#Mat 14:5.
7Agus fhreagair iadsan, nach robh fhios aca cia uaithe a bha e.
8Agus thubhairt Iosa riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.
9An sin thòisich e air a’ chosamhlachd seo a labhairt ris an t‑sluagh: Phlanndaich duine àraidh fìonlios#Mat 21:33, etc.; Marc 12:1, etc.; Isa 5:1‐7, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e air choigrich rè aimsir fhada.
10Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gun tugadh iad dha de thoradh an fhìonlios: ach ghabh an tuath air, agus chuir iad uapa falamh e.
11Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile uaithe; agus ghabh iad airsan mar an ceudna, agus mhaslaich iad e, agus chuir iad uapa falamh e.
12Agus a thuilleadh air sin chuir e an treas seirbhiseach uaithe; agus lot iad esan mar an ceudna, agus thilg iad a‑mach e.
13An sin thubhairt tighearna an fhìonlios, Ciod a nì mi? Cuiridh mi mo mhac gràdhach dan ionnsaigh: faodaidh e a bhith, nuair a chì iad e, gun toir iad urram dha.
14Ach nuair a chunnaic an tuath e reusonaich iad eatorra fhèin, ag ràdh, Is e seo an t‑oighre: thigibh, marbhamaid e, a‑chum gum bi an oighreachd againn fhèin.
15Agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e, agus mharbh iad e#Mat 27:21, 25; Gnìo 2:23; 7:52; 1 Tes 2:15. Ciod uime sin a nì tighearna an fhìonlios riu?
16Thig e agus sgriosaidh e an tuath ud, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile#Neh 9:36, 37. Agus nuair a chuala iad seo, thubhairt iad, Nar leigeadh Dia.
17Agus air dhàsan amharc orra, thubhairt e, Ciod e seo mas eadh a tha sgrìobhte, A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisne dhith#Salm 118:22?
18Ge bè neach a thuiteas air a’ chloich sin, brisear e#Isa 8:15; 1 Pead 2:7, 8: ach ge bè neach air an tuit i, pronnaidh i gu luaithre e#Daniel 2:34, 35, 44, 45.
19Agus anns an uair sin fhèin dh’iarr na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean làmh a chur ann; ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd seo.
20Agus rinn iad geur‐fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd‐foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail#Mat 22:15, etc.; Marc 12:13, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain.
21Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thu a’ labhairt agus a’ teagasg gu ceart, agus nach eil suim agad de phearsa duine sam bith, ach gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè a rèir na fìrinn.
22A bheil e ceadaichte dhuinn cìs a thoirt do Chèasar, no nach eil?
23Ach thuig esan an cuilbheartachd, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh gam bhuaireadh?
24Nochdaibh dhomh pèighinn: cò leis an dealbh agus an sgrìobhadh a tha oirre? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Le Cèasar.
25Agus thubhairt esan riu, Thugaibh‐se air an adhbhar sin do Chèasar na nithean as le Cèasar#Ròm 13:7, agus do Dhia na nithean as le Dia.
26Agus cha b’urrainn iad greim a dhèanamh air a bhriathran am fianais an t‑sluaigh: agus ghabh iad iongantas ra fhreagradh, agus dh’fhan iad nan tosd#Tìt 1:10, 11.
27An sin thàinig da ionnsaigh dream àraidh de na Sadusaich#Mat 22:23, etc.; Marc 12:18, etc., a tha ag àicheadh gu bheil aiseirigh ann#Gnìo 23:6, 8, agus dh’fheòraich iad dheth,
28Ag ràdh, A Mhaighistir, sgrìobh Maois dhuinn, Nam faigheadh bràthair duine air bith bàs, agus bean‐phòsda aige, agus gum faigheadh e bàs gun chlann, gun gabhadh a bhràthair a bhean, agus gun togadh e suas sliochd da bhràthair.
29Air an adhbhar sin, bha seachdnar bhràithrean ann: agus ghabh an ciad fhear bean, agus fhuair e bàs gun chlann.
30Agus ghabh an dara fear i mar mhnaoi, agus fhuair esan bàs gun chlann.
31Agus ghabh an treas fear i; agus mar an ceudna an t‑seachdnar. Agus cha d’fhàg iad clann, agus fhuair iad bàs.
32Mu dheireadh uile fhuair a’ bhean bàs mar an ceudna.
33Anns an aiseirigh uime sin, cò dhiubh dom bean i? Oir bha i aig an t‑seachdnar na mnaoi.
34Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Tha clann an t‑saoghail seo a’ pòsadh, agus air an toirt ann am pòsadh:
35Ach an dream sin a mheasar gur airidh iad air an t‑saoghal ud fhaghail#Lùc 21:36; Tais 3:4, agus an aiseirigh o na mairbh, chan eil iad a’ pòsadh, no air an toirt ann am pòsadh.
36Agus chan urrainn iad bàs fhaghail nas mò#Tais 21:4; oir tha iad ann an co‑inbhe ris na h‑ainglean#1 Cor 15:49, 52; agus is iad clann Dhè iad#Ròm 8:19‐21, air bhith dhaibh nan cloinn don aiseirigh.
37Ach gun èirich na mairbh, nochd Maois fhèin aig a’ phreas#Ecs 3:2‐6, nuair a tha e a’ gairm den Tighearna, Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib.
38A‑nis chan e Dia nam marbh e, ach nam beò: oir tha na h‑uile beò dhàsan#Ròm 14:8, 9.
39An sin fhreagair dream àraidh de na sgrìobhaichean, agus thubhairt iad, A Mhaighistir, is math a labhair thu.
40Agus cha robh a chridhe aca tuilleadh nì sam bith fheòraich dheth.
41Agus thubhairt e riu, Cionnas a their iad gur e Crìosd mac Dhaibhidh#Mat 22:42; Marc 12:35, etc.?
42Agus tha Daibhidh fhèin ag ràdh ann an leabhar nan Salm, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis,
43Gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan#Salm 110:1; Gnìo 2:34.
44Tha Daibhidh air an adhbhar sin a’ gairm a Thighearna dheth; cionnas mas eadh is e a mhac e?
45An sin thubhairt e ra dheisciobail, ann an èisdeachd an t‑sluaigh uile,
46Thugaibh an aire dhuibh fhèin o na sgrìobhaichean#Marc 12:38, etc., leis am miann imeachd ann an culaidhean fada, agus leis an ionmhainn fàilte fhaotainn air na margaidhean#Lùc 11:43, agus na cathraichean as àirde anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan‐suidhe aig fèillean;
47A shluigeas suas taighean bhantrach#Mat 23:14; 2 Tim 3:6, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada#1 Tes 2:5: gheibh iad sin an dìteadh as mò#Lùc 10:12, 14; Seum 3:1.

Zur Zeit ausgewählt:

Lùcas 20: ABIG

Markierung

Teilen

Kopieren

None

Möchtest du deine gespeicherten Markierungen auf allen deinen Geräten sehen? Erstelle ein kostenloses Konto oder melde dich an.