Lùcas 18:4-5

Lùcas 18:4-5 ABIG

Agus cha b’àill leis rè tamaill: ach na dhèidh sin thubhairt e ann fhèin, Ged nach eil eagal Dhè orm, no urram agam do dhuine; Gidheadh airson gu bheil a’ bhantrach seo a’ cur dragha orm, cumaidh mi còir rithe, air eagal le a sìor‐theachd gun sgìthich i mi.