1
Eòin 4:24
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Is spiorad Dia, agus is èiginn da luchd‐adhraidh adhradh a dhèanamh dha ann an spiorad agus ann am fìrinn.
Sammenlign
Udforsk Eòin 4:24
2
Eòin 4:23
Ach tha an uair a’ teachd, agus tha i a‑nis ann, anns an dèan am fìor luchd‐adhraidh adhradh don Athair ann an spiorad agus ann am fìrinn: oir tha an t‑Athair ag iarraidh an leithidean seo de luchd‐adhraidh.
Udforsk Eòin 4:23
3
Eòin 4:14
Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich.
Udforsk Eòin 4:14
4
Eòin 4:10
Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nam b’aithne dhut tìodhlac Dhè, agus cò e a tha ag ràdh riut, Thoir dhomh deoch, dh’iarradh tu airsan, agus bheireadh e uisge beò dhut.
Udforsk Eòin 4:10
5
Eòin 4:34
Thubhairt Iosa riu, Is e mo bhiadh‐sa toil an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, agus a obair a chrìochnachadh.
Udforsk Eòin 4:34
6
Eòin 4:11
Thubhairt a’ bhean ris, A Thighearna, chan eil inneal‐tarraing agad, agus tha an tobar domhain: uime sin cia as a tha an t‑uisge beò sin agad?
Udforsk Eòin 4:11
7
Eòin 4:25-26
Thubhairt a’ bhean ris, Tha fhios agam gu bheil am Mesias a’ teachd, ris an abrar Crìosd: nuair a thig esan innsidh e na h‑uile nithean dhuinn. Thubhairt Iosa rithe, Is mise e, a tha a’ labhairt riut.
Udforsk Eòin 4:25-26
8
Eòin 4:29
Thigibh, faicibh duine a dh’innis dhòmhsa na h‑uile nithean a rinn mi riamh. Nach e seo Crìosd?
Udforsk Eòin 4:29
Hjem
Bibel
Læseplaner
Videoer