Laoidhean 12
12
LAOIDH 12
Gnath-fhoc 6.6-12
1Eirich a lundaire gu grad,
'S thoir ort an seangan beag gun stad,
Oir ged nach d'fhuair e riamh fear‑iùil',
No neach g'a ghreasadh air a chùl;
2Fa chomhair geamhraidh ni e deas,
A' cuimhneachadh gun tàmh a leas;
San t‑samhradh trusaidh e a lòn,
San fhoghar iomlan tha a stòr.
3Ach c' uin' a dh'éireas tus' o d' shuain?
A lundaire, nach dùisg thu suas?
Cha'n iarr do leisg ach tuilleadh tàimh,
Le clò do'n t‑sùil, is pasgadh làmh.
4Ach feuch! tha bochdainn agus bròn,
Ag iadhadh air gach làimh a'd' chòir;
'S mar ghaisgeach armach teachd a'd' dhàil,
Trom‑bhruthaidh iad do cheann fo'n sàil.
S'ha seleccionat:
Laoidhean 12: LSN1987
Subratllat
Comparteix
Copia
Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017