YouVersion Logo
Search Icon

N. Marc 9

9
IX. CAIB.
Criosta caochladh cruth; a tilgeadh a mach spioraid neo-ghlain; a teagasg irioslachd, agus a sheachnadh sgainneil.
1Agus an deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, us Seumas, agus Eoin; us threoraich e iadsa leo fhein gu beinn aird a lethtaobh, agus dhʼatharraicheadh a chruth ʼnan lathair.
2Agus dhʼfhàs eideadh dealrach us ro-gheal mar shneachda, geal mar nach urrainn fucadair air talamh a dhianamh.
3Us chunnacas leo Elias agus Maois; agus bha iad a bruidhinn ri Iosa.
4Agus Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Rabbi, is math dhuinne a bhith an so; agus dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, ʼsa h-aon do Elias.
5Oir cha robh fios aige ciod a bha e g-radh; bhrigh gun robh iad fo fhiamh ro-mhor.
6Agus bha nial a cur sgàile orra, agus as an nial thainig guth, a g-radh: Se so mo Mhac ro-ghaolach; eisdibh ris.
7ʼSa g-amharc san uair mun cuairt daibh, cha n-fhac iad gin a thuilleadh, ach Iosa leis fhein maille riu.
8ʼSa tearnadh bhoʼn bheinn, dhʼàithn e orra, gun iad a dhʼ innse do neach air bith nan nichean a chunnaic iad, gus an eireadh Mac an duine bho na mairbh.
9Us ghleidh iad am facal aca fhein, a cur cheisd air a cheile, ciod a bʼe: gus an eireadh e bho na mairbh.
10Agus dhʼfharraid iad dheth, a g-radh: Car-son ma ta tha na Phairisich ʼs na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseach?
11Thuirt e riu, ʼs e freagairt: Elias, nuair thig e air tùs, ath-shuidhichidh e h-uile ni; us mar tha e sgribhte mu Mhac an duine, gum fuilig e moran, ʼs gum faigh e taire.
12Ach tha mi g-radh ribh, gun tainig Elias, (ʼs gun dʼrinn iad air gach ni bʼaill leo) mar tha sgribhte uime.
13ʼSa tighinn gu dheisciopuil, chunnaic e moran sluaigh muʼn timchioll, ʼs na Sgriobhaich a deaspud riu.
14ʼS cha luaithe chunnaic an sluagh uile Iosa, na ghlac iongantas agus uamhas iad, ʼsa ruith ga ionnsuidh chuir iad fàilt air.
15Agus dhʼfhaighnich e dhiu: Ciod mu bheil sibh a consachadh ri cheile?
16Us fhreagair fear deʼn t-sluagh, a g-radh: A mhaighistir, thug mi ga tʼ ionnsuidh mo mhac anns am beil spiorad balbh.
17Agus, ge bʼe aite an glac e e, tha e ga bhualadh ri làr, agus tha e cur a mach cobhair, ʼsa giosgail le fhiaclan, ʼsa seargadh as: us thuirt mi ri dʼ dheisciopuil iad a thilgeadh a mach, agus cha bʼ urrainn daibh.
18ʼSa freagairt thuirt e: O ghinealaich ana-creidich, cia fhad a bhitheas mi mar-ribh? cia fhad a chuireas mi suas ribh? thugaibh gam ionnsuidh e.
19Agus thug iad e ga ionnsuidh. Agus cha luaithe chunnaic e Iosa, na ghluais an spiorad e; us bhuaileadh e ris an làr, agus chuir e caran deth us cop mu bhial.
20Us dhʼfhaighnich e dhe athair: Cia fhad bho na thachair so dha? Us thuirt esan: Bho na bha e ʼna leanabh.
21Agus is tric a thilg e san teine us anns an uisge e, gu cur as da: ach ma tha ni sa bith na dʼ chomas, gabh truas ruinn agus cuidich sinn.
22Us thuirt Iosa ris: Ma ʼs urrainn dhut creidsinn, is comasach a h-uile ni doʼn chreideach.
23Agus athair a ghille a glaodhach san uair, thuirt e le deoir: Tha mi creidsinn, a Thighearna: cuidich mʼ ana-creideamh.
24Us nuair a chunnaic Iosa an sluagh a ruith cuideachd, mhaoidh e air an spiorad neoghlan, a cantuinn ris: A spioraid bhodhair agus bhailbh, tha mi g-àithneadh ort, theirig a mach as; ʼs na rach a stigh ann tuilleadh.
25Agus chaidh e mach as, a g-eigheach, ʼs ga riabadh gu goirt: agus dhʼfhas e coltach ri duine marbh, air chor ʼs gun robh moran a g-radh: Tha e marbh.
26Ach Iosa breith air laimh air, thog e e, agus dhʼ eirich e.
27ʼS nuair chaidh e stigh doʼn tigh, dhʼfharraid a dheisciopuil deth fos n-iosail: Car-son nach bʼ urrainn duinn a thilgeadh a mach?
28Us thuirt e riu: Cha n-urrainn do ʼn t-seorsa so dol a mach air sheol sa bith, ach le urnaigh ʼs le traisg.
29ʼSa falbh as a sin, chaidh iad troimh Ghalile; ʼs cha bʼaill leis gum biodh fios aig duine air bith air so.
30Oir bha e teagasg a dheisciopul, ʼsa g-radh riu: Gun rachadh Mac an duine liubhairt seachad do lamhan dhaoine, ʼs gum marbhadh iad e, ʼs an deigh a mharbhadh, gun eireadh e rithist air an treas latha.
31Ach cha do thuig iadsan am facal; agus bha sgàth orra fharraid dheth.
32Us thainig iad gu Capharnaum. ʼS nuair a bha iad san tigh, dhʼfhaighnich e dhiu: Ciod mun robh sibh a deaspud air an rathad?
33Ach bha iadsa samhach: oir air an rathad bha iad a consachadh eatorra fhein, co dhiu bu mhua bhiodh.
34ʼSa suidhe, ghairm e na dhà-dhiag, us thuirt e riu: Ma tha toil aig fear sam bith a bhith air thoiseach, bithidh e air dheireadh orra uile, agus ʼna sheirbhiseach dhaibh uile.
35ʼSa breith air leanabh, chuir e ʼnam miadhon e; ʼs an deigh a ghlacail ʼna uchd, thuirt e riu:
36Ge bʼe sa bith ghabhas ri aon leanabh deʼn leithidean so na mʼ ainmse, tha e gabhail riumsa; agus co sa bith ghabhas riumsa, cha n-ann riumsa tha e gabhail, ach ris-san a chuir mi.
37Agus fhreagair Eoin e, a g-radh: A Mhaighistir, chunnaic sinn duine araid, nach eil gaʼr leanailne, a tilgeadh a mach dheomhan na tʼ ainmse, agus bhac sinn e.
38Agus thuirt Iosa: Na bacaibh e: oir cha n-eil aon air bith, a ni miarailt na mʼ ainmse, a ʼs urrainn gu h-ealamh labhairt gu h-olc orm.
39Oir an neach nach eil ʼnur n-aghaidh, tha e leibh.
40Oir co sa bith a bheir dhuibh ri ol cupan uisge na mʼainmse, a chionn ʼs gur le Criost sibh: gu firinneach tha mi g-radh ribh: cha chaill e dhuais.
41Agus co sa bith bheir sgainneal do h-aon deʼn fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, bʼfhearr dha clach mhuilinn a bhith crochte mu amhaich, ʼsa bhith air a thilgeil sa mhuir.
42ʼS ma bheir do lamh sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut dol a stigh gu beatha air lethlaimh, na dol le dà laimh a dhʼiutharna gu teine nach smalar:
43Far nach basaich a chnuimh aca, ʼs nach smalar an teine.
44Agus ma bheir do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut dol a stigh gu beatha air lethchois, na do thilgeadh le dà chois a dhʼ iutharna gu teine nach diocail:
45Far nach basaich a chnuimh aca, ʼs nach smalar an teine.
46Agus ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i: is fhearr dhut dol a stigh do rioghachd Dhe le aon shuil, na do thilgeadh le dʼ dhà shuil ann an teine iutharna:
47Far nach basaich a chnuimh aca, ʼs nach smalar an teine.
48Oir saillear gach aon le teine, us saillear gach iobairt le salann.
49Tha salann math: ach ma dhʼfhasas an salann neo-bhlasda, co leis a ni sibh blasda e? Biodh salann agaibh unnaibh, agus biodh sith agaibh eadaraibh fhein.

Currently Selected:

N. Marc 9: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in