N. Marc 16
16
XVI. CAIB.
Aiseirigh agus deasghabhail Chriosta.
1ʼS nuair a chaidh an t-sàbaid seachad, cheannaich Mairi Magdalen, us Mairi mathair Sheumais, agus Salome, spiosradh, los, air tighinn daibh, gun ungadh iad Iosa.
2Agus ro-mhuch sa mhaduinn air a chiad latha deʼn t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe an deigh eirigh na greine.
3ʼS bha iad a g-radh ri cheile: Co charaicheas a chlach dhuinn bho bhial na h-uaighe?
4ʼSa toirt sula, chunnaic iad a chlach air a carachadh air a h-ais. Oir bʼanabarrach mor i.
5ʼSa dol a stigh doʼn uaigh, chunnaic iad oganach ʼna shuidhe air an taobh dheas, an eideadh geal, agus bha sgàth orra.
6Us thuirt e riu: Na biodh eagal oirbh: tha sibh a sireadh Iosa bho Nasareth a chaidh cheusadh: dhʼeirich e, cha n-eil e an so, seallaibh an t-aite far na chuir iad e.
7Ach falbhaibh, us innsibh dha dheisciopuil, agus do Pheadar, gu bheil e dol roimhibh do Ghalile: chi sibh an sin e, mar thuirt e ribh.
8ʼSa gabhail a mach, theich iadsa bhoʼn uaigh: oir ghlac eagal us balla-chrith iad; ʼs cha tuirt iad ni ri duine air bith: oir bha sgàth orra.
9Ach esan a g-eirigh much sa mhaduinn air a chiad latha deʼn t-seachduin, chunnacas an toiseach e le Mairi Magdalen, as na chuir e seachd deomhain.
10Dhʼfhalbh ise, agus dhʼ innis i dhaibhse a bhʼair a bhith comhla ris, ʼs iad a gal ʼsa caoidh.
11Us iadsʼ a cluinntinn gun robh e beo, ʼs gum facas e leatha, cha do chreid iad.
12ʼS an deigh sin dhʼfhiach e e fhein an riochd eile do dhithis dhiu, a bha coiseachd a mach doʼn duthaich.
13Agus dhʼfhalbh iadsan, us dhʼinnis iad do chàch: ʼs cha mhua chreid iadsan iad.
14Mu dheireadh chunnacas e leis na h-aon-diag, nuair a bha iad aig bord; agus thug e achasan dhaibh air son am mi-chreidimh agus cruas an cridhe: a thaobh nach do chreid iad an fheadhainn a chunnaic e an deigh dha eirigh rithist.
15Us thuirt e riu: Falbhaibh feadh an t-saoghail gu leir, agus searmonaichibh an soisgeul doʼn h-uile creutair.
16Esan a chreideas ʼsa bhaistear, sabhailear e: ach esan nach creid, theid a dhiteadh.
17Agus leanaidh na comharran so iadsan a chreideas: Na mʼ ainmse tilgidh iad a mach deomhain: labhraidh iad le teangan ura;
18Us togaidh iad nathraichean; agus ma dhʼolas iad ni marbhtach air bith, cha dian e dolaidh orra; cuiridh iad an lamhan air daoine tinn, agus bithidh iad gu math.
19Agus an deigh doʼn Tighearna Iosa labhairt riu, thogadh suas e gu neamh, agus tha e ʼna shuidhe air laimh dheis De.
20Agus chaidh iadsan a mach, agus shearmonaich iad anns gach aite, an Tighearna a co-oibreachadh leo, ʼsa daingneachadh an fhacail leis na comharran a lean.
Currently Selected:
N. Marc 16: MacETN
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017