N. Marc 13
13
XIII. CAIB.
Criosta g-innse leagail an teampuill, ʼs nan comharran a thigeadh roimh lathʼ a bhreitheanais.
1ʼS nuair a bha e dol a mach as an teampull thuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Mhaighistir, seall ciod iad na clachan, agus ciod e an t-aitreabh a thaʼn so.
2Us fhreagair Iosa, us thuirt e ris: Bheil thu faicinn an aitreibh mhoir so uile? Cha n-fhagar clach air muin cloiche nach tilgear sios.
3ʼS nuair a bha e ʼna shuidhe air sliabh Olibheit, mu chomhair an teampuill, chuir Peadar, us Seumas, us Aindris ceisd air a lethtaobh:
4Innis dhuinn cuin a thachras na nichean sin? agus ciod an comharradh a bhios ann, nuair a thòisicheas na nichean sin uile riʼn coimhlionadh?
5Us Iosa freagairt thòisich e ri radh riu: Seallaibh nach meall duine air bith sibh:
6Oir thig moran na mʼ ainmse, a g-radh: Is mise e; agus meallaidh iad moran.
7Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus sgialan chogaidhean, na gabhaibh eagal: oir ʼs fheudar do na nichean sin tachairt: ach cha n-eil a chrioch ann fhathast.
8Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd, us bithidh crithean-talmhuinn feadh aiteachan, agus gorta. ʼSiad sin toiseach nan amhghar.
9Ach seallaibhse ribh fhein. Oir liubhraidh iad seachad sibh do chomhairlean, agus sgiursar sibh sna sinagogan, agus seasaidh sibh air bialaobh uachdran us righrean as mo lethse, mar theisteanas dhaibh.
10Us feumar an soisgeul a theagasg an toiseach feadh a h-uile cinnidh.
11Agus nuair a bhios iad guʼr tarruinn leo, ʼs guʼr liubhairt seachad, na smaoinichibh air ciod a their sibh; ach an ni bheirear dhuibh san uair sin fhein, labhraibh: oir cha sibhse a tha labhairt, ach an Spiorad Naomh.
12Agus liubhraidh brathair brathair gu bàs, agus an t-athair am mac; us eiridh clann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bàs iad.
13Agus bithidh fuath aig daoine uile oirbh as leth mʼ ainmse. Ach is esan a sheasas buan thun na crìche a bhios sabhailte.
14Agus nuair a chi sibh grainealachd an leirsgrios ʼna seasamh far nach bu chòir dhi, am fear a leughas tuigeadh e: an sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudéa thun nam beann.
15ʼS am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e do ʼn tigh, ʼs na rachadh e stigh gu dad a thogail leis as a thigh;
16ʼS am fear a bhitheas san achadh, na tilleadh e air ais gus ʼaodach a thoirt leis.
17Ach mo thruaighe iadsan a tha lethtromach ʼsa toirt ciche sna laithean sin.
18Ach guidhibh nach tachair iad so sa gheamhradh.
19Oir anns na laithean sin bithidh amghairean ann nach robh an leithid ann bho thùs a chruthachaidh, a rinn Dia, gu so, ʼs nach bi.
20Agus mur giorraicheadh an Tighearna na laithean sin, cha bhiodh feoil air bith tiaruinte: ach air son nan daoine taghte, a thagh e, giorraichidh e na laithean sin.
21Agus an sin ma their neach air bith ribh: Seall, tha Criosta an so, seall, tha e ʼn sin, na creidibh.
22Oir eiridh criostan-breige, agus faidhean-breige, us ni iad comharran agus beartan iongantach, gus, nam faodadh e bhith, na daoine taghte fhein a mhealladh.
23Thugaibhse ma ta an aire: seall, dhʼinnis mi dhuibh gach ni roi-laimh.
24Ach anns na laithean sin an deigh na trioblaide sin, thig dorchadas air a ghrein, ʼs cha toir a ghealach a solus.
25Agus bithidh reultan neamh a tuiteam, agus gluaisear na cumhachdan a tha sna flathais.
26Agus an sin chi iad Mac an duine tighinn sna neoil le cumhachd mhoir agus le gloir.
27An sin cuiridh e ʼainglean a mach, us tionailidh e a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean bho iomall an talmhuinn gu iomall neamh.
28A nis ionnsuichibh dubh-fhacal bhoʼn chraoibh-fhige. Nuair a bhios a miar a nis maoth, ʼsa chinneas an duilleach, tha fios agaibh gum beil an samhradh gle fhaisg:
29Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nichean so tachairt, tuigibh gu bheil e gle dhluth, seadh aig na dorsan.
30Gu firinneach tha mi g-radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile.
31Theid neamh agus talamh thairis, ach cha teid mʼ fhacalsa thairis.
32Ach air an latha no air an uair sin cha n-eil fios aig duine air bith, no aig na h-ainglean air neamh, no aig a Mhac, ach aig an Athair.
33Thugaibh an aire, dianaibh faire agus urnaigh: oir cha n-eil fhios agaibh cuin a bhios an t-àm.
34Mar dhuine a dol fad air astar a dhʼ fhag a thigh, ʼsa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, ʼsa dhʼ àithn air an dorsair faire dhianamh.
35Dianaibhse faire ma ta, (chionn ʼs nach eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an tighe: co dhiu ʼsann anamuch, no mu mhiadhon oidhche, no mu ghairm a choilich, no sa mhaduinn),
36Eagal gun tig e gu h-obann, ʼs gum faigh e sibh ʼnur cadal.
37Agus na tha mi cantuinn ribhse, tha mi cantuinn ri daoine uile: Dianaibh faire.
Currently Selected:
N. Marc 13: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017