YouVersion Logo
Search Icon

H-eabhraich 1

1
I. CHAIBIDEAL.
Labhair Dia bho shean leis na faidhean, ach a nis le Mhac, a tha nas mua gun choimeas na na h-ainglean.
1Dia, a labhair air iomadh àm, ʼs air iomadh seol, bho shean ris na h-aithrichean leis na faidhean:
2Mu dheireadh uile labhair e ruinne anns na laithean so le Mhac, a dhʼ orduich e ʼna oighre air a h-uile ni, ʼs leis an dʼ rinn e an saoghal cuideachd:
3Agus bhon is e dearrsadh a ghloir us dealbh a shusbuinn, ʼs e cumail suas gach ni le facal a chumhachd, a glanadh air falbh pheacannan, a tha ʼna shuidhe air laimh dheis na moralachd anns na h-ardaibh:
4ʼSe air a dhianamh cho fad nas fhearr na na h-ainglean ʼsa tha an t-ainm, a shealbhaich e mar oighre, nas urramaiche na iadsan.
5Oir co de na h-ainglean ris an tuirt e uair air bith: Is tu mo Mhac, an diugh ghin mi thu? ʼSa rithist: Bithidh mi dha na mʼ Athair, us bithidh esan domhsa ʼna Mhac?
6ʼSa rithist nuair tha e toirt a chiadghin thun an t-saoghail, tha e g-radh: Agus thugadh ainglean De uile aoradh dha.
7Agus ris na h-ainglean gu dearbh tha e g-radh: Esan a tha dianamh ʼainglean ʼnan spioraid, agus a sheirbhisich ʼnan lasair theine.
8Ach ri Mhac: Tha do chathair, a Dhia, gu linn nan linn; slat a cheartais, si slat-rioghail do rioghachd-sa.
9 Thug thu gaol do ʼn cheartas, agus fuath do ʼn eucoir: air son sin dhʼ ung Dia do Dhia thu le ola an t-sòlais fos cionn do luchd-chomhphairt.
10Agus: San toiseach steidhich thusa, a Thighearna, an talamh; agus na neamhan ʼsiad obair do lamh.
11 Teirigidh iadsan, ach mairidh thusa; agus fàsaidh iad uile sean mar eideadh:
12 ʼS mar thrusgan atharraichidh tu iad, agus bithidh iad air an atharrachadh: ach tha thusa mar, a bha, agus do bhliadhnaichean cha teirig.
13Ach co de na h-ainglean ris an tuirt e uair air bith: Suidh thusa air mo laimh dheis, gus an dian mi do naimhdean ʼnan stol do chas?
14Nach spioraid-fhrithealaidh iad uile, air an cur a fhrithealadh dhaibh-san, a ghlacas oighreachd an t-sabhalaidh?

Currently Selected:

H-eabhraich 1: MacETN

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in