YouVersion Logo
Search Icon

II. Esdras 2

2
CAIB. II.
1Mar so, a deir an Tighearna, Thug mi an sluagh so a mach á daorsa, agus thug mi mʼ àitheanta dhoibh le mo sheirbhisich na fàidhean: ris nach éisdeadh iad, ach rinn iad tàir air mo chomhairlibh.
2A deir aʼ mhàthair a rug iad riutha, imichibh romhaibh, sibhse a chlann; oir is bantrach mi, agus air mo threigeadh.
3Dhʼ àraich mi sibh le h‑aoibhneas; ach le bròn agus truime chaill mi sibh; oir pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna bhur Dé, agus rinn sibh an nì sin a ta olc ʼna làthair.
4Ach ciod a nì mise a nis dʼ ur taobh? is bantrach mi, agus air mo thréigeadh; imichibh romhaibh, O mo chlann, agus iarraibh tròcair o ʼn Tighearna.
5Air mo shonsa dheth, O athair, tha mi ʼgairm ort mar fhianuis air màthair na cloinne sin, nach gléidheadh mo chùmhnant,
6Gun toir thu gu h‑amhluadh iad, agus am màthair gu bhi ʼna creich, chum nach tig sliochd uatha.
7Biodh iad air an sgapadh a ʼm measg nan cinneach, biodh an ainmean air an cur as an tìr; oir rinn iad tàir air mo chùmhnant.
8Is an‑aoibhinn duit, Assuir, thusa a dhʼ fholuicheas an neo‑fhìrean annad fein! O a shluagh aingidh, cuimhnichibh ciod a rinn mi air Sodom agus Gomorra;
9Aig am bheil am fearann ʼna luidhe ann an spairtibh#2.9 spairtibh cnapan, ceapan/cip ‑ lumps, clods pice, agus tòrraibh luaithre: nì mi eadhon mar so dʼ an taobh‑san nach éisd rium, deir an Tighearna Uile‑chumhachdach.
10Mar so, a deir an Tighearna ri Esdras, Innis dʼ am shluagh‑sa gu ʼn toir mi dhoibh rìoghachd Ierusaleim, a bheirinn do Israel.
11Gabhaidh mi mar an ceudna dʼ am ionnsuidh an glòir‑san, agus bheir mi dhoibh na pàilliuna sìorruidh, a dhʼ ullaich mi air an son.
12Bithidh craobh na beatha aca mar oladh dhe ʼm bheil fàile cùbhraidh; cha saothairich iad, ni mò a bhios iad sgìth.
13Imichibh, agus gheibh sibh: guidhibh gu ʼm biodh na làithean tearc dhuibh, gu ʼm biodh iad air an deanamh goirid: tha ʼn rìoghachd a cheana air a h‑ullachadh air bhur son: deanaibh faire.
14Gabhaibh nèamh agus talamh mar fhianuis; oir bhris mi an t‑aingidh ʼna bhloighdibh, agus dhealbh mi am maith: Oir a ta mise beò, deir an Tighearna.
15A mhàthair, gabh aʼ dʼ ghlacaibh do chlann, agus àraich suas iad le h‑aoibhneas; dean an cosa daingean mar phost; oir roghnaich mi thu, deir an Tighearna.
16Agus iadsan a ta marbh togaidh mi suas a rìs as an ionadaibh, agus bheir mi as na h‑uaighibh iad; oir bha fios agam air mʼ ainm fein ann an Israel.
17Na biodh eagal ort, thusa a mhàthair na cloinne, oir roghnaich mi thu deir an Tighearna.
18Cuiridh mi mo sheirbhisich Esai agus Ieremi chum do chuideachadh, naomhaich agus dhʼ ullaich mi a réir an comhairle‑san, dà chraobh dheug air an luchdachadh le measaibh eugsamhla,
19Agus an àireamh cheudna do thobraichibh aʼ sruthadh le bainne agus mil, agus trì fichead agus deich do bheanntaibh mòra, air am bheil na ròsan agus na lilighean aʼ fàs, leis an lìon mi bhur clann le h‑aoibhneas.
20Thoir ceartas do ʼn bhantraich, thoir breith air an taobh‑san a ta gun athair, thoir seachad do na bochdaibh, dìon an dìlleachdan, còmhdaich an lomnochd,
21Slànuich am briste agus an lag‑chuiseach, na dean gaire‑fanoid ris aʼ bhacach, dìon an ciurramach, agus thigeadh an dall a ʼm fianuis mo shoilleireachd.
22Gléidh an t‑aosda agus an t‑òg an taobh a stigh dodʼ bhallachaibh.
23Ge bʼ e cʼ àit am faigh thu na mairbh, gabh iad agus adhlaic iad, agus bheir mi duit aʼ cheud àite amʼ aiseirigh.
24Seasaibh, O mo shluagh, agus gabh fois, oir thig do shuaimhneas.
25Araich do chlann, O thusa, a dheagh bhanaltruim; daingnich an cosa.
26A thaobh nan seirbhiseach a thug mi dhuit, cha téid a h‑aon diubh a dhìth, oir iarraidh mi iad o mheasg an àireimh agad.
27Na bi sàruichte; oir an uair a thig là na trioblaid agus na truime, guilidh muinntir eile, agus bithidh iad muladach, ach bithidh tusa cridheil, agus pailteas agad.
28Bithidh farmad aig na cinnich riut, ach cha ʼn urrainn doibh nì sam bith a dheanamh aʼ dʼ aghaidh, deir an Tighearna.
29Còmhdaichidh mo làmhan thu, chum nach fhaic do chlann ifrinn.
30Bi aoibhneach, O thusa a mhàthair, ledʼ chloinn, oir saoraidh mi thu, deir an Tighearna.
31Cuimhnich do chlann a choidleas, oir bheir mi iad a mach á taobhan na talmhainn; agus nochdaidh mi tròcair dhoibh: oir tha mise tròcaireach, a deir an Tighearna Uile‑chumhachdach.
32Gabh aʼ dʼ ghlacaibh do chlann gus an tog mi agus an nochd mi tròcair dhoibh: oir tha mo thobraichean aʼ ruith thairis, agus cha dìobair mo ghràs.
33Fhuair mise Esdras àithne o ʼn Tighearna air beinn Oreib, gu ʼn rachainn dhʼ ionnsuidh Israeil ach an uair a thàinig mi dʼ an ionnsuidh, chuir iad a ʼn suarachas mi, agus rinn iad tàir air àithne an Tighearna.
34Agus uime sin, a deiream ribh, O sibhse a chinnich, a chluinneas agus a thuigeas, seallaibh air son bhur Buachaill, bheir esan duibh fois bhithbhuan; oir tha esan am fagus a thig aig deireadh an t‑saoghail,
35Bithibh deas air son duais na rìoghachd; oir dealraichidh aʼ bheatha mhaireannach oirbh gu saoghal nan saoghal.
36Teichibh o fhaileas an t‑saoghail so, gabhaibh aoibhneas bhur glòire; tha mi gu follaiseach aʼ toirt fianuis air mo Shlànuighear.
37O gabhaibh an tiodhlac a bheirear duibh, agus bithibh subhach, aʼ toirt buidheachais dhàsan a ghairm sibh chum na rìoghachd nèamhaidh.
38Eiribh suas agus seasaibh, feuchaibh àireamh na muinntir a sheulaich e ann an cuirm an Tighearna.
39A ta air an dealachadh o fhaileas an t‑saoghail, agus a fhuair trusganna glòrmhor o ʼn Tighearna.
40Dean suas an àireamh agad, O Shioin, agus druid suas iadsan a bhuineas duit a ta air an sgeudachadh ann an geal, a choimhlion lagh an Tighearna.
41Tha àireamh do chloinn, air son am bheil fadal#2.41 fadal fadachd, miannachd ‑ longing ort, air a dheanamh suas; guidh air son cumhachd an Tighearna, chum gu ʼm bi do shluagh, a ghairmeadh o ʼn toiseach, air an naomhachadh.
42Chunnaic mise Esdras air beinn Shioin sluagh mòr, nach bʼ urrainn domh àireamh, agus mhol iad uile an Tighearna le h‑òranaibh.
43Agus ʼnam meadhon bha òganach do dhʼ àirde mhòir, ni ʼs àirde na càch uile, agus air ceann gach aoin chàraich e crùn, agus bha e ni ʼs mò air àrdachadh; nì a chuir mòr iongantas orm.
44Uime sin, dhʼ fheòraich mi dhe ʼn aingeal, agus thubhairt mi, Mo thighearna, cò iad sin?
45Fhreagair e, agus thubhairt e rium, Is iad sin iadsan a chuir dhiubh an sgeudachadh bàsmhor; agus a dhʼ aidich ainm an Tighearna; a nis tha iad air an crùnadh, agus aʼ faotuinn pailm.
46An sin thubhairt mi ris an aingeal, Cò e an t‑òganach a ta ʼgan crùnadh, agus aʼ toirt pailm dhoibh ʼnan làmhaibh?
47Mar so fhreagair agus thubhairt e rium, Is e Mac Dhé a ta ann, a dhʼ aidich iad anns an t‑saoghal. An sin thòisich mi air iadsan a mholadh gu mòr, a sheas co dian air son ainmʼ an Tighearna.
48An sin thubhairt an t‑aingeal rium, Gabh romhad, agus cuir an céill domʼ shluagh, ciod a ghnè nithe, agus ciod na mìorbhuile mòra, leis an Tighearna do Dhia, a chunnaic thu.

Currently Selected:

II. Esdras 2: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in