Lùcas 24
24
1 Chuireadh aiseirigh Chrìosd an cèill le dà aingeal do na mnathan a thàinig a dh’amharc na h‑uaighe: 13 dh’fhoillsicheadh Crìosd fhèin don dithis dheisciobal a chaidh gu Emaus: 36 na dhèidh sin dh’fhoillsicheadh e do na h‑abstolan, agus chronaich e iad airson am mì‑chreidimh.
1A‑nis air a’ chiad là den t‑seachdain#Mat 28:1, etc.; Marc 16:2, etc.; Eòin 20:1, etc., gu ro‑mhoch air mhadainn, thàinig iad a‑chum na h‑uaighe, a’ toirt leo nan spìosraidh a dh’ullaich iad, agus mnathan àraidh eile maille riu.
2Agus fhuair iad a’ chlach air a carachadh on uaigh.
3Agus air dhaibh dol a‑steach, cha d’fhuair iad corp an Tighearna Iosa.
4Agus am feadh a bha iad ann an imcheist mun nì seo, feuch, sheas dithis dhaoine làimh riu ann an aodaichean dealrach#Eòin 20:12; Gnìo 1:10.
5Agus air dhaibh a bhith fo eagal, agus a’ cromadh an aghaidh a‑chum na talmhainn, thubhairt iad riu, Carson a tha sibh ag iarraidh an tì a tha beò am measg nam marbh?
6Chan eil e an seo, ach dh’èirich e: cuimhnichibh mar a labhair e ribh air dha a bhith fhathast ann an Galile#Lùc 9:22; Mat 16:21; 17:23; Marc 8:31; 9:31; Eòin 2:22;
7Ag ràdh, Is èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rìs air an treas là.
8Agus chuimhnich iad a bhriathran,
9Agus air dhaibh tilleadh on uaigh, dh’innis iad na nithean seo uile don aon‐fhear‐deug, agus do chàch uile.
10Agus b’i Muire Magdalen#24:10 o Mhagdala., agus Ioanna#Lùc 8:3, agus Muire màthair Sheumais, agus mnathan eile maille riu, a dh’innis na nithean seo do na h‑abstoil.
11Agus mheasadh am briathran leòsan mar sgeulan faoine#Gen 19:14; Salm 126:1; Gnìo 12:9, 15, agus cha do chreid iad iad.
12An sin air èirigh do Pheadar#Eòin 20:3, 6 ruith e a‑chum na h‑uaighe; agus air dha cromadh sìos, chunnaic e an lìon‐aodach na laighe leis fhèin, agus dh’fhalbh e, a’ gabhail iongantais leis fhèin mun nì seo a rinneadh.
13Agus, feuch, bha dithis dhiubh a’ dol air an là sin fhèin gu baile dom b’ainm Emàus#Marc 16:12, a bha trì‐fichead stàid o Ierusalem.
14Agus bha iad a’ labhairt eatorra fhèin mu thimcheall nan nithean ud uile a thachair.
15Agus nuair a bha iad a’ còmhradh, agus a’ co‑reusonachadh#Lùc 24:36; Mal 3:16; Mat 18:20, thàinig Iosa e fhèin am fagas, agus dh’imich e maille riu.
16Ach bha an sùilean air an cumail#Eòin 20:14, 15; 21:4, air chor is nach d’aithnich iad e.
17Agus thubhairt e riu, Ciod e an còmhradh seo air a bheil sibh a’ teachd eadaraibh fhèin, ag imeachd dhuibh, agus sibh dubhach?
18Agus fhreagair fear dhiubh dom b’ainm Cleopas#Eòin 19:25, agus thubhairt e ris, A bheil thusa a‑mhàin ad choigreach ann an Ierusalem, agus gun fhios agad air na nithean a rinneadh innte anns na làithean seo?
19Agus thubhairt e riu, Ciod na nithean? Agus thubhairt iadsan ris, Na nithean a‑thaobh Iosa o Nàsaret, a bha na fhàidh cumhachdach ann an gnìomh agus ann am facal#Gnìo 7:22 am fianais Dhè, agus an t‑sluaigh uile:
20Agus cionnas a thug na h‑àrd‐shagartan agus ar n‑uachdarain thairis a‑chum dìteadh bàis e#Lùc 23:1; Gnìo 13:27, 28, agus a cheus iad e.
21Ach bha dùil againne gum b’esan an tì a bha gu Israel a shaoradh#Lùc 1:68; Gnìo 1:6; agus a thuilleadh air seo uile, is e an‑diugh an treas là o rinneadh na nithean seo.
22Agus mar an ceudna, chuir mnathan àraidh dhinn fhèin#Lùc 24:9‐10, a chaidh gu moch a dh’ionnsaigh na h‑uaighe, mòr‐ioghnadh oirnn:
23Agus nuair nach d’fhuair iad a chorp, thàinig iad, ag ràdh gum faca iad sealladh de ainglean, a thubhairt gu bheil e beò.
24Agus chaidh dream àraidh dhiubhsan, a bha maille rinn fhèin, a‑chum na h‑uaighe, agus fhuair iad eadhon mar a thubhairt na mnathan; ach chan fhaca iad esan.
25An sin thubhairt e riu, O dhaoine amaideach, agus mall‐chridheach a chreidsinn nan nithean sin uile a labhair na fàidhean#Eabh 5:11, 12!
26Nach b’èiginn do Chrìosd na nithean seo fhulang#Lùc 24:46; Gnìo 17:3; Eabh 9:22, 23, agus dol a‑steach da ghlòir?
27Agus air dha tòiseachadh o Mhaois#Gen 3:15; Gnìo 3:22, agus o na fàidhean uile#Gnìo 10:43; 26:22, dh’eadar‐mhìnich e dhaibh anns na sgriobtairean uile na nithean ma thimcheall fhèin.
28Agus dhruid iad ris a’ bhaile, don robh iad a’ dol: agus leig esan air gun rachadh e na b’fhaide#Gen 32:26; Marc 6:48.
29Ach cho‐èignich iadsan e, ag ràdh, Fan maille rinne, oir tha e dlùth don fheasgar, agus tha deireadh an là ann. Agus chaidh e a‑steach a dh’fhuireach maille riu.
30Agus nuair a shuidh e gu biadh maille riu, air dha aran a ghlacadh, bheannaich e e, agus bhris e e, agus thug e dhaibh e#Mat 14:19.
31Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus dh’aithnich iad e; agus chaidh e as an t‑sealladh.
32Agus thubhairt iad ri chèile, Nach robh ar cridhe a’ lasadh annainn#Salm 39:3; Ier 20:9; 23:29, am feadh a bha e a’ labhairt rinn air an t‑slighe, agus nuair a dh’fhosgail e dhuinn na sgriobtairean?
33Agus dh’èirich iad air an uair sin fhèin, agus thill iad gu Ierusalem, agus fhuair iad an t‑aon‐fhear‐deug cruinn an ceann a chèile, agus an dream a bha maille riu,
34Ag ràdh, Dh’èirich an Tighearna da‑rìribh, agus chunnacas le Sìmon e#1 Cor 15:5.
35Agus dh’innis iad na nithean a rinneadh air an t‑slighe, agus mar a dh’aithnicheadh leo e ann am briseadh an arain.
36Agus a’ labhairt nan nithean seo dhaibh#Marc 16:14, etc.; Eòin 20:19, etc., sheas Iosa fhèin nam meadhon, agus thubhairt e riu, Sìth maille ribh.
37Ach bha iadsan fo gheilt‐chrith agus fo eagal, agus shaoil iad gur spiorad a chunnaic iad#Marc 6:49.
38Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo bhuaireas, agus carson a tha smuaintean ag èirigh suas nur cridheachan?
39Feuchaibh mo làmhan agus mo chasan, gur mi fhèin a tha ann: laimhsichibh mi, agus faicibh; oir chan eil aig spiorad feòil agus cnàmhan, mar a chì sibh agamsa.
40Agus nuair a thubhairt e seo, nochd e dhaibh a làmhan agus a chasan.
41Agus air dhaibh a bhith fhathast mì‑chreidmheach tro aoibhneas#Gen 45:26, agus iad fo iongantas, thubhairt e riu, A bheil biadh sam bith agaibh an seo#Eòin 21:5, etc.?
42Agus thug iad dha mìr de iasg ròiste, agus de chìr‐mheala.
43Agus ghlac e e, agus dh’ith e nam fianais#Gnìo 10:41.
44Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois#Lùc 21:22; Gnìo 3:18; 13:27, 33, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall‐sa, a bhith air an coileanadh.
45An sin dh’fhosgail e an tuigse#Gnìo 16:14, a‑chum gun tuigeadh iad na sgriobtairean,
46Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang#Isa 53:3, 5; Gnìo 4:12, agus èirigh o na mairbh air an treas là#1 Pead 1:3:
47Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh#Gnìo 5:31; 13:38 a bhith air an searmonachadh na ainm‐san, do na h‑uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem.
48Agus is fianaisean sibhse air na nithean seo#Gnìo 1:8.
49Agus, feuch, cuiridh mise gealladh m’Athar oirbh: ach fanaibh‐se ann am baile Ierusaleim, gus an sgeadaichear le cumhachd o na h‑àrdan sibh#Isa 44:3; Gnìo 2.
50Agus thug e a‑mach iad cho fad is Betani; agus thog e suas a làmhan, agus bheannaich e iad.
51Agus am feadh a bha e gam beannachadh, dhealaicheadh riu e, agus thogadh suas gu nèamh e#Gnìo 1:9; Eabh 4:14.
52Agus rinn iad adhradh dha#Mat 28:9, 17, agus thill iad gu Ierusalem le gàirdeachas mòr:
53Agus bha iad a‑ghnàth anns an teampall, a’ moladh agus a’ beannachadh Dhè#Gnìo 2:46, 47; 5:42. Amen.
Currently Selected:
Lùcas 24: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017