YouVersion Logo
Search Icon

Ephèsianaich 1:18-21

Ephèsianaich 1:18-21 GLD

Tha mi ag iarraidh gum bi sibh air ur soillseachadh nur cridheachan air dhòigh is gum bi fios agaibh air an dòchas gus a bheil Dia gur gairm, air cho saidhbhir 's cho glòrmhor 's a tha an oighreachd a tha Dia a' gealltainn dha shluagh fhèin, agus cho anabarrach mòr 's a tha an cumhachd a tha ag obrachadh annainne a tha a' creidsinn. 'S e seo an dearbh chumhachd neartmhor a chleachd Dia nuair a thog e Crìosd bhon bhàs 's a chuir e na shuidhe e aig a dheaslaimh fhèin ann an nèamh. Sin far a bheil e, fada os cionn gach tighearna is ùghdarras is cumhachd is riaghlair, os cionn gach ainm aig a bheil urram chan ann a‑mhàin san t‑saoghal seo ach cuideachd san t‑saoghal a tha romhainn.