Mata 10:32-33
Mata 10:32-33 ATN
“Mar sin ge b' e a dh'aidicheas mise mu choinneamh dhaoine, aidichidh mise esan cuideachd mu choinneamh m' Athar a th' air nèamh. Ach ge b' e a dh'àicheas mise mu choinneamh dhaoine, àicheidh mise esan cuideachd mu choinneamh m' Athar a th' air nèamh.