YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 21:25-27

Lùcas 21:25-27 ATN

“Agus bidh comharraidhean anns a' ghrèin, anns a' ghealaich agus anns na rionnagan, agus air an talamh fìor dhragh nàiseanan agus imcheist air sgàth beucadh a' chuain agus nan tonn. Thèid daoine ann an laigse le eagal agus le droch‑dhùil mu na tha a' tighinn air an t‑saoghal, oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh. Agus an uair sin chì iad Mac an Duine a' tighinn ann an sgòth, le cumhachd agus mòr‑ghlòir.