Ròmanaich 1:26-28
Ròmanaich 1:26-28 ABG1992
Air a shon seo thug Dia thairis iad do ana-miannan gràineil: oir chaochail eadhon am mnathan an gnàthachadh nàdarra a‑chum a’ ghnàtha a tha an aghaidh nàdair: Agus mar an ceudna na fir, air trèigsinn dhaibh gnàthachadh nàdarra na mnà, loisgeadh iad len togradh da chèile, fireannaich ri fireannaich ag obrachadh gràinealachd agus iad a’ faotainn dìol-thuarasdail an seachrain annta fhèin, mar a bu chòir. Agus amhail mar nach bu taitneach leo eòlas Dhè a chumail, thug Dia thairis iad do inntinn mhì-chèillidh, a dhèanamh nithean nach robh iomchaidh