YouVersion Logo
Search Icon

Salm 6

6
Don àrd-fhear-ciùil air Neginot air Seminit. Salm le Daibhidh.
1A Thighearna, ann ad chorraich na cronaich mi, agus ann ad fheirg na smachdaich mi.
2Gabh truas dhìom, a Thighearna, oir tha mi lag; slànaich mi, a Thighearna, oir tha mo chnàmhan air an cràdh;
3Agus tha m’anam air a chràdh gu mòr: ach thusa, a Thighearna, cia fhad?
4Till, a Thighearna, fuasgail m’anam; saor mi, air sgàth do thròcair.
5Oir anns a’ bhàs chan eil cuimhne ort; anns an uaigh cò a bheir dhut cliù?
6Tha mi sgìth lem osnaich; rè na h‑oidhche tha mi a’ cur mo leapa air snàmh; lem dheòir tha mi ag uisgeachadh m’uirigh.
7Caithear le dubhachas mo shùil; fàsaidh i sean, airson m’eascairdean gu lèir.
8Imichibh uam, sibhse uile a luchd-dèanamh na h‑euceirt, oir chuala an Tighearna guth mo chaoidh.
9Chuala an Tighearna m’athchuinge; gabhaidh an Tighearna rim ùrnaigh.
10Cuirear gu nàire agus gu mòr-amhluadh mo naimhdean gu lèir: tilleadh iad, cuirear gu h‑obann gu nàire iad.

Currently Selected:

Salm 6: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in