YouVersion Logo
Search Icon

Salm 5

5
Don àrd-fhear-ciùil air Nechilot. Salm le Daibhidh.
1Rim bhriathran èisd, a Thighearna; beachdaich air mo smuaintean.
2Thoir an aire do ghuth mo ghlaoidh, mo Rìgh agus mo Dhia, oir riutsa nì mi ùrnaigh.
3A Thighearna, air madainn cluinnidh tu mo ghuth; air madainn deasaichidh mi mi fhèin ad làthair, agus amhaircidh mi suas.
4Oir cha Dia thusa aig a bheil tlachd ann an aingidheachd, agus cha chòmhnaich an t‑aingidh maille riut.
5Cha seas na h‑amadain ad làthair; is fuath leat luchd-dèanamh an uilc.
6Sgriosaidh tu luchd-labhairt bhreug; is gràin leis an Tighearna an duine fuileachdach agus cealgach.
7Ach air mo shon-sa, ann an lìonmhorachd do thròcair thig mi a‑steach dod thaigh; sleuchdaidh mi aig do theampall naomh ann ad eagal.
8A Thighearna, treòraich mi ann ad fhìreantachd; air sgàth mo naimhdean dèan do shlighe dìreach romham,
9Oir chan eil ceart nam beul; is fìor aingidheachd an taobh a‑staigh dhiubh; is uaigh fhosgailte an sgòrnan; nì iad miodal len teangaidh.
10Sgrios iad, a Dhè; tuiteadh iad len comhairle fhèin; airson lìonmhorachd an euceartan tilg a‑mach iad, oir rinn iad ceannairc ad aghaidh.
11Ach dèanadh iadsan uile aoibhneas a chuireas an dòigh annad; gu bràth dèanadh iad iolach, a chionn gun dìon thu iad; agus dèanadh iadsan luath-ghaire annad, leis an ionmhainn d’ainm.
12Oir beannaichidh tusa am fìrean, a Thighearna; le deagh-ghean cuartaichidh tu e, mar le sgèith.

Currently Selected:

Salm 5: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in