YouVersion Logo
Search Icon

Salm 4

4
Don àrd-fhear-ciùil air Neginot. Salm le Daibhidh.
1Nuair a dh’èigheas mi, èisd rium, a Dhè m’ionracais; nuair a bha mi ann an teinn, dh’fhuasgail thu orm; dèan tròcair orm, agus èisd rim ùrnaigh.
2A chlann nan daoine, cia fhad a thionndaidheas sibh mo ghlòir a‑chum nàire, a ghràdhaicheas sibh dìomhanas, a shireas sibh an dèidh bhreug? Selah.
3Ach biodh fhios agaibh gun do roghnaich an Tighearna an duine naomh dha fhèin; èisdidh an Tighearna nuair a dh’èigheas mi ris.
4Biodh eagal oirbh, agus na peacaichibh; labhraibh ri ur cridhe air ur leabaidh, agus bithibh tosdach. Selah.
5Iobraibh ìobairtean ionracais, agus earbaibh as an Tighearna.
6Tha mòran ag ràdh, Cò a nochdas dhuinn nì math? Tog oirnne solas do ghnùise, a Thighearna.
7Chuir thu aoibhneas ann am chridhe, nas mò na nuair as pailte an arbhar agus am fìon-san.
8Ann an sìth araon laighidh mi, agus caidlidh mi; oir is tusa a‑mhàin, a Thighearna, a bheir orm còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte.

Currently Selected:

Salm 4: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in