YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth-fhacal 29

29
1Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann, agus sin gun leigheas.
2Nuair a bhios na fìreanan cumhachdach, nì an sluagh gàirdeachas; ach nuair a riaghlas na h‑aingidh, nì an sluagh osnaich.
3Am fear a ghràdhaicheas gliocas, nì e a athair ait; ach esan a chumas cuideachd ri strìopaichean, caithidh e a mhaoin.
4Le breitheanas daingnichidh an rìgh an tìr; ach sgriosaidh am fear a ghabhas tìodhlacan i.
5Am fear a nì miodal ra choimhearsnach, sgaoilidh e lìon airson a chas.
6Ann an easaontas droch dhuine tha ribe; ach seinnidh am fìrean, agus bidh e aoibhneach.
7Bheir am fìrean an aire do chùis nam bochd; ach cha ghabh an t‑aingidh suim do eòlas a bhith aige oirre.
8Bheir luchd-fochaid baile ann an ribe; ach tillidh daoine glice fearg.
9Ma nì duine glic strì ri duine amaideach, co‑dhiù a bhios fearg air, no nì e gàire, cha bhi fois ann.
10Fuathaichidh daoine fuileachdach an duine ionraic; ach iarraidh daoine cothromach a anam.
11Cuiridh amadan an cèill a inntinn uile; ach cumaidh duine glic a‑staigh i gus an dèidh sin.
12Ma dh’èisdeas uachdaran ri breugan, bidh a sheirbhisich uile aingidh.
13Coinnichidh am bochd agus an cealgair a chèile; bheir an Tighearna solas dan sùilean araon.
14Ma bheir rìgh breith air bochdan ann am fìrinn, daingnichear a rìgh-chathair gu bràth.
15Bheir an t‑slat agus achmhasan gliocas uapa; ach cuiridh an leanabh a dh’fhàgar dha fhèin nàire air a mhàthair.
16Nuair a bhios na h‑aingidh lìonmhor, bidh easaontas lìonmhor: ach nì na fìreanan an leagadh.
17Cronaich do mhac, agus bheir e suaimhneas dhut: seadh, bheir e sòlas dod anam.
18Far nach eil taisbeanadh, thèid an sluagh a dhìth; ach an tì a choimheadas an lagh, is sona esan.
19Le briathran cha leasaichear seirbhiseach; oir ged thuig e, cha fhreagair e.
20A bheil thu a’ faicinn duine a tha dian na bhriathran? Tha adhbhar dòchais nas mò den amadan na dheth-san.
21Ma thogas neach a sheirbhiseach suas gu mùirneach o bhith na leanabh, mu dheireadh bidh e aige mar mhac.
22Dùisgidh duine feargach aimhreit, agus bidh fear na corraich pailt ann an easaontas.
23Islichidh uabhar duine e; ach gheibh esan a tha iriosal na spiorad urram.
24An tì a nì co‑roinn ri gadaiche, fuathaichidh e a anam fhèin: cluinnidh e mallachadh, ach chan fhoillsich e.
25Bheir eagal duine ribe leis; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte.
26Iarraidh mòran deagh-ghean an uachdarain; ach is ann on Tighearna a tha breitheanas gach duine.
27Is e fear na h‑euceirt gràinealachd nam fìrean: agus is e an tì a tha ceart na shlighe gràinealachd nan aingidh.

Currently Selected:

Gnàth-fhacal 29: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in