Gnàth-fhacal 28
28
1Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann.
2Airson easaontas tìre bidh mòran uachdaran oirre; ach le duine tuigseach eòlach nìthear a staid buan.
3Tha duine bochd, a nì fòirneart air bochdan, mar uisge millteach nach fàg biadh na dhèidh.
4Molaidh iadsan a thrèigeas an lagh na h‑aingidh; ach nì iadsan a ghleidheas an lagh strì riu.
5Cha tuig droch dhaoine breitheanas; ach tuigidh iadsan a dh’iarras an Tighearna na h‑uile nithean.
6Is fheàrr am bochd a dh’imicheas na ionracas, na esan a tha fiar na shlighean, ged robh e saoibhir.
7An tì a ghleidheas an lagh, is mac glic e; ach esan a tha na chompanach do luchd-craois, nàraichidh e a athair.
8An tì a mheudaicheas a mhaoin le ocar agus le tairbhe eucoraich, cruinnichidh e dhàsan a ghabhas truas den bhochd.
9An tì a thionndaidheas a chluas air falbh o chluinntinn an lagha, bidh a ùrnaigh fhèin na gràinealachd.
10An tì a chuireas na fìreanan air seachran air droch shlighe, tuitidh e na shloc fhèin; ach mealaidh na h‑ionraic nithean matha.
11Is glic duine saoibhir na bharail fhèin; ach rannsaichidh an duine bochd aig am bi tuigse a‑mach e.
12Nuair a nì na fìreanan gàirdeachas, bidh glòir mhòr ann; ach nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichear duine.
13An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.
14Is beannaichte an duine air am bi eagal a‑ghnàth; ach esan a chruadhaicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc.
15Mar leòmhann beucach, agus mar mhath-ghamhainn a ruitheas a‑null agus a‑nall, tha uachdaran aingidh os cionn sluaigh bhochd.
16Am fear-riaghlaidh aig nach eil tuigse, is mòr mar an ceudna am fear-fòirneirt e; ach an tì a dh’fhuathaicheas sannt, sìnidh e a làithean.
17An duine a nì ainneart air fuil neach sam bith, teichidh e gu ruig an sloc; na cumadh aon duine e.
18An tì a ghluaiseas gu h‑ionraic, tèarnar e; ach esan tha fiar na shlighean, tuitidh e a dh’aon bheum.
19An tì a threabhas a fhearann, bidh pailteas arain aige; ach esan a leanas an dèidh dhaoine dìomhain, bidh bochdainn gu leòr aige.
20Bidh duine fìrinneach pailt ann am beannachdan; ach esan a nì deifir gu bhith saoibhir, cha bhi e neochiontach.
21Cha mhath an nì gnùis aithneachadh; gidheadh airson greim arain ciontaichidh duine.
22Nì fear na droch shùla deifir gu bhith saoibhir; ach chan eil fhios aige gun tig bochdainn air.
23An tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin gheibh e nas mò de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh.
24An tì a nì reubainn air a athair no air a mhàthair, agus a their, Chan eil cionta ann, is companach e do fhear-millidh.
25An tì aig a bheil cridhe àrdanach, dùisgidh e strì; ach esan a dh’earbas as an Tighearna, nìthear sultmhor e.
26An tì a dh’earbas as a chridhe fhèin, is amadan e; ach esan a ghluaiseas gu glic, saorar e.
27An tì a bheir don bhochd, cha bhi dìth air; ach air an tì a dh’fhalaicheas a shùilean bidh iomadh mallachd.
28Nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichidh daoine iad fhèin; ach nuair a sgriosar iad, fàsaidh na fìreanan lìonmhor.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 28: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017