Gnàth-fhacal 25
25
1Is iad seo mar an ceudna gnàth-fhacail Sholaimh, a dh’ath-sgrìobh daoine Heseciah rìgh Iùdah.
2Is i glòir Dhè nì a cheiltinn; ach is e urram rìghrean nì a rannsachadh.
3Tha nèamh air àirde, agus an talamh air doimhne, agus cridhe rìghrean do‑rannsachaidh.
4Buin an salchar on airgead, agus thig soitheach a‑mach don òr‑cheard.
5Buin an droch dhuine à làthair an rìgh, agus daingnichear ann am fìreantachd a rìgh-chathair.
6Na gabh urram dhut fhèin ann am fianais rìgh, agus na seas ann an àite dhaoine mòra:
7Oir is fheàrr gun abrar riut, Thig a‑nìos an seo, na gun cuirear sìos thu am fianais an uachdarain a chunnaic do shùilean.
8Na gabh a‑mach gu h‑obann gu strì, air eagal nach bi fhios agad ciod a nì thu na dhèidh sin, nuair a bheir do choimhearsnach gu nàire thu.
9Tagair do chùis rid choimhearsnach; agus na foillsich rùn-diamhair do neach eile:
10Air eagal gun cuir an tì a chluinneas gu nàire thu, agus nach atharraichear do mhasladh.
11Mar ùbhlan òir ann an dealbhan airgid, tha facal a labhrar gu h‑iomchaidh.
12Mar chluas-fhàinne òir, agus mar usgair den òr fhìorghlan, tha fear-cronachaidh glic aig cluais fhurachair.
13Mar fhuachd sneachda ann an àm an fhogharaidh, tha teachdaire dìleas dhaibhsan a chuireas uapa e; oir ath-bheothaichidh e anam a mhaighistir.
14Mar neòil agus mar ghaoith gun uisge, tha am fear a nì uaill à tìodhlac gu breugach.
15Le fad-fhulangas cuirear impidh air uachdaran, agus brisidh teanga mhìn cnàimh.
16An d’fhuair thu mil? Ith nas leòr dhut dhith; air eagal gun làn-shàsaichear thu, agus gun sgeith thu i.
17Tarraing do chas à taigh do choimhearsnaich, air eagal gum bi e sgìth dhìot, agus gum fuathaich e thu.
18Is òrd, agus claidheamh, agus saighead gheur, am fear a bheir fianais bhrèige an aghaidh a choimhearsnaich.
19Mar fhiacail bhriste, agus mar chois as an alt, tha earbsa à duine neo-dhìleas ann an là airce.
20Mar esan a bheir air falbh aodach ann an là fuachda, mar fhìon-geur aig creig-shalainn, mar sin tha esan a sheinneas òrain don chridhe thùirseach.
21Ma bhios do nàmhaid acrach, thoir aran dha ri ithe; agus ma bhios e ìotmhor, thoir uisge dha ri òl:
22Oir càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann, agus bheir an Tighearna luigheachd dhut.
23Cuiridh a’ ghaoth a tuath air falbh an t‑uisge; mar sin cuiridh a’ ghnùis fheargach air falbh teanga a’ chùl-chàinidh.
24Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann an oisinn-mhullaich taighe na maille ri mnaoi aimhreitich ann an taigh farsaing.
25Mar uisgeachan fuara don anam thartmhor, mar sin tha deagh sgeul à tìr chèin.
26Mar thobar air a chur tro a chèile, agus mar fhuaran air a thruailleadh, tha am fìrean a thuislicheas am fianais an aingidh.
27Chan eil e math mòran meala ithe; agus cha ghlòir e do dhaoine an glòir fhèin iarraidh.
28Mar mhòr-bhaile briste sìos gun bhalla, tha am fear aig nach eil ceannsal air a spiorad fhèin.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 25: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017