Philipianach 2:9-11
Philipianach 2:9-11 ABG1992
Air an adhbhar sin dh’àrdaich Dia e gu ro‑àrd mar an ceudna, agus thug e dha ainm os cionn gach uile ainme: A‑chum do ainm Iosa gun lùbadh gach glùin, de nithean a tha air nèamh, agus de nithean a tha air thalamh, agus de nithean a tha fon talamh; Agus gun aidicheadh gach teanga gur e Iosa Crìosd an Tighearna, a‑chum glòir Dhè an t‑Athair.