Marcus 16
16
1Agus air dol don t‑sàbaid seachad, cheannaich Muire Magdalen, agus màthair Sheumais, agus Salòme, spìosraidh deagh fhàile, a‑chum air dhaibh teachd gun ungadh iad e.
2Agus thàinig iad gu ro‑mhoch air madainn a’ chiad là den t‑seachdain a‑chum na h‑uaighe, aig èirigh na grèine.
3Agus thubhairt iad eatorra fhèin, Cò a charaicheas dhuinn a’ chlach o dhoras na h‑uaighe?
4Agus air dhaibh amharc, chunnaic iad gu robh a’ chlach air a h‑atharrachadh air falbh, oir bha i ro‑mhòr.
5Agus air dhaibh dol a‑steach don àit-adhlaic, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, mun robh trusgan fada geal; agus bha eagal orra.
6Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e.
7Ach imichibh, innsibh da dheisciobail agus do Pheadar gu bheil e a’ dol romhaibh do Ghalile: chì sibh an sin e, mar a thubhairt e ribh.
8Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball-chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra.
9Agus air èirigh do Iosa anns a’ mhadainn air a’ chiad là den t‑seachdain, nochdadh e air tùs do Mhuire Magdalen, as an do thilg e seachd deamhain.
10Agus air imeachd dhise, dh’innis i sin dhaibhsan a bha maille ris, agus iad ri bròn agus gul.
11Agus iadsan, nuair a chuala iad gu robh e beò, agus gum facadh leatha-se e, cha do chreid iad.
12Na dhèidh sin, nochdadh e do dhithis dhiubh ann an cruth eile, ag imeachd dhaibh, agus iad a’ dol don dùthaich.
13Agus dh’imich iadsan agus dh’innis iad e do chàch: agus cha mhò a chreid iad iadsan.
14An dèidh sin nochdadh e don aon-fhear-deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas-cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh.
15Agus thubhairt e riu, Imichibh air feadh an t‑saoghail uile, agus searmonaichibh an soisgeul do gach dùil.
16Ge bè a chreideas agus a bhaistear, saorar e, ach ge bè nach creid, dìtear e.
17Agus leanaidh na comharraidhean seo an dream a chreideas: Ann am ainm-sa tilgidh iad a‑mach deamhain; labhraidh iad le teangan nuadha;
18Togaidh iad nathraichean nimhe; agus ma dh’òlas iad nì air bith marbhtach, cha chiùrr e iad; cuiridh iad an làmhan air daoine tinne, agus bidh iad gu math.
19Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas-làimh Dhè.
20Agus air dhaibhsan dol a‑mach, shearmonaich iad anns gach àit, air a bhith don Tighearna a’ co‑obrachadh leo, agus a’ daingneachadh an fhacail leis na comharraidhean a lean e. Amen.
Currently Selected:
Marcus 16: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017