YouVersion Logo
Search Icon

Marcus 15

15
1Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd-shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat.
2Agus dh’fheòraich Pilat dheth, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus air freagairt dha, thubhairt e ris, Thubhairt thu e.
3Agus chuir na h‑àrd-shagartan mòran de nithean as a leth: ach cha do fhreagair esan aon nì.
4Agus chuir Pilat a‑rìs ceist air, ag ràdh, Nach freagair thu nì sam bith? Feuch cia lìon nì air a bheil iad sin a’ toirt fianais ad aghaidh.
5Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas.
6A‑nis air an fhèill bu ghnàth leis aon phrìosanach, ge bè air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as dhaibh.
7Agus bha neach àraidh, dom b’ainm Barabas, ceangailte maille ra chompanaich ann an ceannairc, muinntir a bha air dèanamh mort anns a’ cheannairc.
8Agus air glaodhaich gu h‑àrd don t‑sluagh, thòisich iad air iarraidh air a dhèanamh dhaibh mar a rinn e an còmhnaidh.
9Ach fhreagair Pilat iad, ag ràdh, An àill leibh gun cuir mi rìgh nan Iùdhach fa sgaoil dhuibh?
10(Oir bha fhios aige gum b’ann tro fharmad a thug na h‑àrd-shagartan thairis e.)
11Ach bhrosnaich na h‑àrd-shagartan an sluagh, a‑chum gum b’fheàrr leo Barabas a chur fa sgaoil dhaibh.
12Agus fhreagair Pilat, agus thubhairt e riu a‑rìs, Ciod mas eadh as àill leibh mi a dhèanamh ris an duine sin, den goir sibh Rìgh nan Iùdhach?
13Agus ghlaodh iad a‑rìs, Ceus e.
14An sin thubhairt Pilat riu, Carson, ciod e an t‑olc a rinn e? Ach bu ro‑mhò a ghlaodh iadsan, Ceus e.
15Agus air do Philat a bhith toileach gnìomh taitneach a dhèanamh don t‑sluagh, dh’fhuasgail e Barabas dhaibh, agus thug e thairis Iosa, an dèidh dha a sgiùrsadh, a‑chum a cheusadh.
16Agus thug na saighdearan leo e a‑steach don talla, eadhon cùirt an uachdarain: agus ghairm iad a’ chuideachd uile an ceann a chèile.
17Agus chuir iad uime aodach purpair, agus air dhaibh coron droighinn fhighe, chuir iad air e.
18Agus thòisich iad air beannachadh dha, ag ràdh, Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach!
19Agus bhuail iad anns a’ cheann e le slait chuilce, agus thilg iad smugaid air, agus a’ lùbadh an glùn, rinn iad adhradh dha.
20Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air, thug iad dheth an t‑aodach purpair, agus chuir iad a aodach fhèin uime, agus thug iad a‑mach e a‑chum gun ceusadh iad e.
21Agus dh’èignich iad duine àraidh a bha a’ dol seachad, Sìmon o Chirène (athair Alecsandair agus Rùfais, a bha a’ teachd as a’ mhachair), a‑chum a chrann-ceusaidh a ghiùlan.
22Agus thug iad e gu ionad dom b’ainm Golgota, is e sin air eadar-theangachadh, àite claiginn.
23Agus thug iad dha ri òl fìon air a mheasgadh le mirr: ach cha do ghabh esan e.
24Agus nuair a cheus iad e, roinn iad a thrusgan, a’ tilgeadh croinn air ciod a’ chuid a bhiodh aig gach duine dheth.
25Agus bha an treas uair ann; agus cheus iad e.
26Agus bha sgrìobhadh a chùise-dìtidh air a sgrìobhadh os a chionn, RÌGH NAN IÙDHACH.
27Agus cheus iad maille ris dà ghadaiche; fear air a làimh dheis, agus fear air a làimh chlì.
28An sin choileanadh an sgriobtar a thubhairt, Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach.
29Agus thug iadsan a bha a’ dol seachad ana-cainnt dha, a’ crathadh an ceann, agus ag ràdh, O thusa a leagas an teampall, agus a thogas e ann an trì làithean,
30Fòir ort fhèin, agus thig a‑nuas on chrann-cheusaidh.
31Agus mar an ceudna thubhairt na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ri chèile, a’ fanaid air, Shaor e daoine eile; chan eil e comasach air e fhèin a shaoradh.
32Thigeadh a‑nis Crìosd, Rìgh Israeil, a‑nuas on chrann-cheusaidh, a‑chum gum faic agus gun creid sinn. Agus thug iadsan a chaidh a cheusadh maille ris ana-cainnt dha.
33Agus nuair a thàinig an siathamh uair, bha dorchadas air an talamh uile, gu ruig an naoidheamh uair.
34Agus air an naoidheamh uair, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eloi, Eloi, lama sabachtani? Is e sin, air eadar-theangachadh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?
35Agus air cluinntinn sin do chuid dhiubhsan a bha nan seasamh an làthair thubhairt iad, Feuch, tha e a’ gairm Eliais.
36Agus ruith fear dhiubh, agus air dha spong a lìonadh de fhìon-geur, agus a cur air slait chuilce, thug e dha ri òl, ag ràdh, Leigibh leis; faiceamaid an tig Elias ga thoirt a‑nuas.
37Agus air do Iosa èigheach le guth àrd, thug e suas an deò.
38Agus bha brat-roinn an teampaill air a reubadh na dhà chuid o mhullach gu ìochdar.
39Agus nuair a chunnaic an ceannard-ceud, a bha na sheasamh fa chomhair, gun tug e suas an deò, a’ glaodhaich mar sin, thubhairt e, Gu fìrinneach b’e an duine seo Mac Dhè.
40Agus bha, mar an ceudna, mnathan am fad uapa ag amharc: nam measg sin bha Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme;
41Muinntir a lean e mar an ceudna, nuair a bha e ann an Galile, agus a bha a’ frithealadh dha; agus mòran eile de mhnathan a chaidh suas maille ris gu Ierusalem.
42Agus a‑nis air teachd don fheasgar (do bhrìgh gum b’e là an ullachaidh e, eadhon an là ron t‑sàbaid),
43Thàinig Iòseph o Arimatèa, comhairleach urramach, aig an robh, mar an ceudna, sùil ri rìoghachd Dhè, agus chaidh e a‑steach gu dàn a dh’ionnsaigh Philait, agus dh’iarr e corp Iosa.
44Agus b’ioghnadh le Pilat ma bha e cheana marbh. Agus air dha an ceannard-ceud a ghairm, dh’fhiosraich e dheth, an robh fad o fhuair e bàs.
45Agus air dha fios fhaotainn on cheannard-ceud, thug e an corp do Iòseph.
46Agus cheannaich esan lìon-aodach grinn, agus thug e a‑nuas e, agus phaisg e anns an lìon-aodach e, agus chuir e e ann an uaigh a chladhaicheadh à carraig, agus charaich e clach gu doras na h‑uaighe.
47Agus dh’amhairc Muire Magdalen, agus Muire màthair Iòseis, air an àit anns an do chuireadh e.

Currently Selected:

Marcus 15: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in