Marcus 12:43-44
Marcus 12:43-44 ABG1992
Agus air dha a dheisciobail a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo tuilleadh anns an ionmhas na iadsan uile a thilg ann. Oir thilg iadsan uile ann dem mòr-phailteas; ach thilg ise as a gainne na bha aice uile, eadhon a beathachadh gu h‑iomlan.