Mata 6:16-18
Mata 6:16-18 ABG1992
Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca. Ach thusa, nuair a nì thu trasgadh, cuir ola air do cheann, agus ionnail d’aghaidh: A‑chum nach faicear le daoine gu bheil thu a’ dèanamh trasgaidh, ach led Athair a tha ann an uaigneas; agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.